Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Eaconomaidh

Tha an IMF, a' mhaoin airgid eadar-nàiseanta, a' tomhas gum bi maill air fàs eaconamach Bhreatainn am-bliadhna bho 1.7% gu 1.6%. Thuirt an IMF gu bheil buaidh Bhrexit, luach an Not a' tuiteam agus an atmhorachd ag èirigh, a' fàgail na h-eaconomaidh nas laige. Tha luchd-gnothachais ann an Alba an dùil gum fàs an eaconomaidh air a' chiad shia mìosan an ath-bhliadhna, a rèir an sgrùdaidh as ùire bho Bhanca Rìoghail na h-Alba. Fhuair sgrùdadh RBS gu bheil an luchd-gnothaich den bheachd gum bi margaidhean nas fheàrr ann an dùthchannan eile le laigse an Not, agus gu bheil an crìonadh ann an gnìomhachas na h-ola sa Chuan a Tuath seachad air a' chuid as miosa.

Uber

Thuirt Cùirt Cheartais na h-Eòrpa gur e companaidh còmhdhail, seach companaidh dhidseatach a th' ann an Uber - an goireas App airson tacsaidh a ghairm. Tha sin a' ciallachadh gum feum Uber gabhail ris na riaghailtean ceadachaidh ionadail anns na sgìrean sa bheil iad ag obair. Tha eòlaichean laghail ag ràdh gum faodadh an riaghladh buaidh a thoirt air companaidhean eile anns an eaconomaidh gheàrr-ùine.

Lannraig a Tuath

Iarraidh Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath beachd o luchd-còmhnaidh air planaichean airson tùran àrda thaighean na sgìre gu lèir a leagail agus taigheadas ùr ìosal a thogail nan àite. Thuirt a' Chomhairle gur e sin pàirt de phlana 20 bliadhna airson taigheadais nas fheàrr, agus ath-bheothachadh ann am meadhan nam bailtean.

Raon nan Rocaidean

Bidh Buidheann-Ghnìomha Uibhist a' coinneachadh a dh'aithghearr a dheasbad call-cosnaidh aig Raon nan Rocaidean, a rèir Iar-Chathraiche na buidhne, Aonghas MacIlleMhaoil. Tha naoinear a' call an cosnadh le cinnt, agus 's dòcha 17 duine a' falbh uile gu lèir. Tha feadhainn de chomhairlichean Uibhist, agus Ball-Pàrlamaid nan Eilean, Aonghas Brianan MacNèill, a' cumail a-mach gu bheil sia mìosan ann bho choinnich a' bhuidheann-ghnìomha mu dheireadh. Chaidh Aonghas MacIlleMhaoil às àicheadh sin, agus thuirt e gu bheil iad air bruidhinn air suidheachadh an raoin.

Bann-Leathann

Gheall Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte bann-leathann fìor luath do dhuine sam bith a dh'iarras e. Thuirt ministearan gun cuir iad lagh air adhart a bheir air BT, dham buin a' mhòr-chuid de lìonrachd telecom na dùthcha seirbheis 10MB an diog air a' char as lugha a thoirt seachad ma thèid sin iarraidh.

Vodafone

Thuirt Vodafone gu bheil iad duilich nach eil an luchd-cleachdaidh a' faighinn siognal fòn-làimhe ann an sgìrean air taobh siar Rois. Tha feadhainn den luchd-cleachdaidh a' gearain gun tuirt Vodafone gum faodadh e còrr is dà sheachdain a thoirt mus fhaigh iad an t-seirbheis air ais. Chaidh tè-labhairt do Vodafone às àicheadh gun toir e cho fada sin, agus thuirt i gu bheil luchd-einnsinìridh na companaidh ag obair air an siognal a chàradh.