£10,000 do chuimhneachan na h-Iolaire

  • 20 An Dùbhlachd 2017
Long-brisidh na h-Iolaire

Chuir Urras Oighreachd Ghabhsainn £10,000 ris na bhios a' tachairt an ath-bhliadhna mar chuimhneachan air ceud bliadhna bho bha tubaist na h-Iolaire ann.

Bidh sreath thachartasan ann air feadh Leòdhais gus a chomharrachadh.

'S gann gun robh teaghlach san eilean nach do chaill cuideigin nuair a chaidh an soitheach, a bha a' giùlain shaighdearan dhachaigh às dèidh a' Chogaidh Mhòir, air na creagan aig beul Loch Steòrnabhaigh tràth madainn na Bliadhna Ùire 1919.

B' e tè de na tubaistean as miosa ann an uisgeachan Bhreatainn san 20mh Linn, le co-dhiù 201 duine den 283 a bh' air bòrd a' bàsachadh.

Gaisgeach

Tha adhbhar sònraichte aig Urras Oighreachd Ghabhsainn a bhith a' cur an airgid an sàs.

"Tha dha-rìribh. Bha sinne gu math toilichte cuideachadh le cosgais a' charraigh-chuimhne a thathas a' togail airson comharrachadh 100 bliadhna bho thachair tubaist na h-Iolaire," thuirt Tormod MacThòmais bhon Urras.

"Gu h-àraid a thaobh na sgìre againn fhìn, bha 23 duine air an call san tubaist a bha sin," thuirt e.

B' ann às an sgìre a bha fear de na bh' air bòrd an t-soithich agus a shàbhail mòran dhaoine air an oidhche.

"'S ann à Port Nis a bha e. 'S e Iain Fionnlagh MacLeòid a bh' ann an sin. Iain Mhurdo a chanadh sinn fhìn ris," thuirt e.

"Gaisgeach dha-rìribh. Le ròp timcheall air, shnàmh e gu tìr, gu na creagan. Cheangail e an uair sin an ròp ris na creagan fhèin, agus le sin fhuair faisg air 40 duine co-dhiù gu tìr.

"Agus mar sin tha mi a' creidsinn gur esan as coireach gun deach na bha sin a shàbhaladh," thuirt e.

Bha fear eile às an sgìre cuideachd a thàinig beò às an tubaist le bhith a' greimeachadh air crann an t-soithich gu madainn.

"'S ann às a' Chnoc Àrd a bha Dòmhnall Moireasdan. 'S e am Patch a chanadh sinne ris ann an seo," thuirt Mgr MacThòmais.

"Agus cheangail e e fhèin ris a' chrann agus chaidh fhaighinn ann an sin anns a' mhadainn.

"'S chaidh a thoirt air tìr à sin agus a-steach a Steòrnabhagh fhèin," thuirt e.

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn gu math toilichte leis na tha san amharc agus a thèid a dhèanamh leis an airgead a tha iad a' cur ris a' phròiseact.

"Tha fios againn dè seòrsa carraigh-chuimhne a thathas a' dol a thogail, airson tha sinn an dèidh faicinn dealbhan dheth sin mar thà," thuirt Mgr MacThòmais.

"Agus tha sinne gu math toilichte leis an taobh a tha seo a' dol, 's bha sinn gu math toilichte an cuideachadh a tha seo a dhèanamh," thuirt e.