Cuideam air Buidheann-Ghnìomha Uibhist

  • 20 An Dùbhlachd 2017
Soidhne Ministearachd an Dìon
Image caption Tha naoinear a' call an cosnaidhean le cinnt ann an Uibhist agus 's dòcha 17 cosnaidhean a' falbh uile gu lèir.

Tha cuideam a' tighinn air Buidheann-Ghnìomha Uibhist le dearbhadh air gearradh chosnaidhean aig Raon nan Rocaidean.

Tha naoinear a' call an cosnaidhean le cinnt agus 's dòcha 17 cosnaidhean a' falbh uile gu lèir.

Tha Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar Aonghas Brianan MacNèill, agus feadhainn de chomhairlichean Uibhist, a' ceasnachadh mar a tha Comhairle nan Eilean Siar a' ruith na buidhne-gnìomha.

Bha cuid a' cur às leth na buidhne nach do choinnich iad bho àm nan taghaidhean ionadail sa Chèitean.

Ach a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain, thuirt Iar-Chathraiche na Buidhne, Aonghas MacIlleMhaoil gu bheil iad air coinneachadh.

"Tha iad air coinneachadh, agus a' choinneamh mu dheireadh, b' fheudar a cur dheth a thaobh nach tàinig plèanaichean.

Dleastanasan

"Ach tha iad air tachart dà thriop - no bha iad ri tachart dà thriop."

Thuirt Mgr MacIlleMhaoil cuideachd gu bheil dleastanasan a bharrachd air Buidhinn-Ghnìomha Uibhist.

"A' bhuidheann a tha seo, tha iad a' coimhead às dèidh ghnothaichean a bharrachd air Raon nan Rocaidean.

"Ach a bharrachd air a sin, 's e am Ball-Pàrlamaid Aonghas Brianan a tha ann an Lunnainn, agus 's e gnothach Westminster a th' ann agus an MOD.

"A-nis ma tha na fathannan a tha sin a' dol mun cuairt, bu chòir dhasan a bhith a' cumail fiosrachaidh ris a' bhuidhinn a bha seo."

Thuirt Mgr MacIlleMhaoil ged a chaidh a' choinneamh mu dheireadh a chur dheth, gu bheil còmhraidhean air a bhith aca mu Raon nan Rocaidean.

Gearradh

Tha Mgr MacIlleMhaoil ag ràdh gu bheil QinetiQ agus an MOD air taic fhaighinn bho mhuinntir Uibhist bho chionn còrr is 50 bliadhna, agus ma tha iad a' gearradh air ais, bu chòir dhan choimhearsnachd taic fhaighinn bhuapasan anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Chan eil cathraiche air Buidhonn-Ghnìomha Uibhist an-dràsta, ach tha dùil aig a' bhuidhinn coinneachadh a-rithist às dèidh na Bliadhn' Ùire.

Thuirt Mgr MacIlleMhaoil gur e: "suidheachadh poileataigeach a th' ann, agus 's e na daoine far an gabh smachd a thoirt air na co-dhùnaidhean a tha sin a dh'fheumas a bhith air a' bhuidhinn a tha seo.

"Sin an fheadhainn a tha air am pàigheadh 'son coimhead às dèidh na sgìre, agus gu h-àraid na co-dhùnaidhean a tha a' dol air aghaidh ann an Lunnainn, mar eisimpleir a thaobh Ministearachd an Dìon."