Atharrachadh a dhìth air Cairt nam Pàrantan

  • 20 An Dùbhlachd 2017
Bun-Sgoil Cheann Loch Dona Image copyright Google
Image caption Cha bhith ach aon sgoilear air fhàgail ann am Bun-Sgoil Cheann Loch Dona anns an Lùnastal an ath-bhliadhna.

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba Cairt nam Pàrantan atharrachadh airson teaghlaichean òga a chumail ann an sgìrean iomallach.

Ghabhadh e dèanamh tro Bhile nan Eilean, a rèir chathraiche Comhairle Phàrantan Bun-Sgoil Cheann Loch Dona ann am Muile, Flòraidh Corbett.

Tha Ms Corbett iomagainneach gun tèid an sgoil bheag aca a dhùnadh leis nach bi ach aon phàiste air fhàgail innte an ath-bhliadhna.

Ged a fhuair Comhairle nam Pàrantan taic bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid nach dùineadh iad an sgoil, chan eil sian sgrìobhte aca, agus tha cuid de phàrantan air a' chlann aca a ghluasad gu Bun-Sgoil an t-Sàlainn mar thà.

14 taighean ùra

Tha Comann Taigheadais Thaobh Siar na Gàidhealtachd a' dol a thogail 14 taighean aig prìs reusanta anns an sgìre, ach bheir sin bliadhna mus bi teaghlaichean ùra a' gluasad annta.

Mura faigh na pàrantan taic sgrìobhte bhon Chomhairle, tha iad amharasach gun tèid an sgoil aca a dhùnadh, 's gum biodh aig a' chloinn 50 mionaid a chur seachad a' siubhal gu Bun-Sgoil an t-Sàlainn air rathaidean cumhang singilte.

Tha Flòraidh Corbett a' moladh gun tèid Cairt nam Pàrantan atharrachadh, tro Bhile nan Eilean.

Ag an ìre seo tha cead aig pàrantan a' chlann aca a chur gu sgoil sam bith, ach a rèir Ms Corbett bhiodh e na b' fheàrr nam biodh riaghailt ann gum feumadh iad a' chlann a chur dhan sgoil as fhaisge orra, gus sgoiltean beaga dùthchail, gu h-àraid ann an sgìrean iomallach, a chumail fosgailte.