Gaisgich coimhearsnachd an Eilein Sgitheanaich

  • 19 An Dùbhlachd 2017
Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Thug comhairlichean an Eilein Sgitheanaich seachad duaisean do ghrunn dhaoine a tha air obair mhòr a dhèanamh sa choimhearsnachd.

B' e seo an seachdamh turas a bha Duaisean Catharra an Eilein Sgitheanaich ann.

Chaidh duais na coimhearsnachd gu duine air a bheil luchd-èisteachd BBC Radio nan Gàidheal glè eòlach - Ruairidh Moireach ann an Tarsgabhaig.

Tha Ruairidh air a bhith aithnichte a thaobh obair coimhearnsachd fad iomadh bliadhna anns na h-Eileanan an Iar, far an robh e na chomhairliche, agus san Eilean Sgitheanach fhèin.

Tha e an-dràsta na chathraiche air Comhairle Coimhearsnachd Shlèite is Urras Coimhearsnachd Shlèite, is e cuideachd a' dèanamh strì mhòir gus seirbheisean còmhdail na sgìre a leasachadh.

'S e feadhainn eile bhon chomhairle choimhearsnachd a chuir Ruairidh air adhart, is iad ag ràdh gu bheil e na shàr-eisimpleir air cuideigin a tha ag obair gun sguir airson maith na sgìre aige.

Mòd

Chaidh duais nan ealan gu Dinah Rankin à Cille MoLuaig.

Chuir Comhairle Coimhearsnachd Chille Moire Dinah air adhart is iad ag ràdh gun robh i air taic mhòr, mhòr a thoirt seachad do chloinn na sgìre.

Thuirt iad gur i a bu choireach airson cho soirbheachail 's a bha Clann Throndairnis aig a' Mhòd Nàiseanta sa Ghearasdan.

Bhuannaich Kyleakin Connections is Marrion Ghrannd Duais na h-Iomairt airson an cuid obrach le ciorramaich is daoine le trioblaidean ionnsachaidh.

Tha café is bùth leabhraichean aca is cothron ann don luchd-cleachdaidh sgilean ùra ionnsachaidh.

Shoirbhich le Ingrid Bruce à Port Rìgh ann an Duais na h-Àrainneachd is i air clann-sgoile ann am Port Rìgh a bhrosnachadh gu mòr le pròiseictean uaine.

Spòrs

Bhuannaich na coidsichean aig Bun-Sgoil Phort Rìgh Duais na Spòrs.

Chuir luchd-obrach is sgoilearan na sgoile na coidsichean air adhart is iad ag ràdh gu bheil iad air obair mhòr a dhèanamh, tòrr dheth taobh a-muigh uairean na sgoile.

Thuirt iad gu bheil sin a' fàgail gu bheil prògram spòrs nas fheàrr ann an Port Rìgh na th' ann an iomadh sgoil anns na bailtean mòra.

B' e Anndra Grieve às an Ath Leathann a bhuannaich Duais na h-Òigridh is e air obair mhòr shaor-thoileach a dhèanamh le cloinn òig.

Thuirt an Comh. Iain Gòrdan gun robh e glè dhoirbh taghadh a dhèanamh is tòrr dhaoine ann an sgìre Eilein a' Cheò air obair mhòr a dhèanamh às leth na coimhearnsnachd.

Chuir e meal a naidheachd air an fheadhainn a bhuannaich is thug e taing mhòr dhaibh.