Rannsachadh air teine Cameron House

  • 19 An Dùbhlachd 2017
Teine aig Cameron House Image copyright PA

Thòisich rannsachadh air dè dh'adhbhraich teine aig Taigh-Òsta Cameron House ann an ceann a deas na Gàidhealtachd.

Bhàsaich dithis agus chaidh triùir eile a thoirt dhan ospadal às dèidh an teine tràth Diluain.

Bha 14 carabadan smàlaidh agus còrr is 70 luchd-smàlaidh an sàs ann a bhith a' feuchainn ri smachd fhaighinn air an teine.

Thuirt àrd-oifigearan smàlaidh gur e suidheachadh glè dhuilich a bh' ann dhaibh.

Chaidh 200 neach a thoirt a-mach às an taigh-òsta agus na togalaichean mu thimcheall.

Bhàsaich aon duine aig an làraich agus chaochail neach eile ann an Ospadal Rìoghail Alexandra ann am Pàislig.

Thugadh triùir eile dhan ospadal ach tha iad a-nise air faighinn dhachaigh.

Chaidh an taigh-òsta fhèin, ri taobh Loch Laomainn, a dhroch mhilleadh anns an teine.

Thuirt na Poilis gu bheil sgrùdadh a-nis ga dhèanamh air ciamar a thòisich an teine.

Dh'innis iad gu bheil a h-uile coltas ann gun lean an rannsachadh deagh ghreis.