Tè "gun chomas nochdadh sa chùirt"

  • 19 An Dùbhlachd 2017
An Àrd-Chùirt an Glaschu

Chan eil tè a tha fo chasaid gun do dh'fheuch i ri boireannach eile a mhurt na dachaigh ann an Inbhir Nis fut airson nochdadh sa chùirt.

Tha Chelsea Brown, 24, às Inbhir Nis, fo chasaid gun do dh'fheuch i ri Kathleen NicFhionghain, 57, a mhurt na dachaigh fhèin sa bhaile san Ògmhios am-bliadhna.

Chuala an Àrd-Chùirt ann an Glaschu gun robh àireamh de shaic-eòlaichean air co-dhùnadh nach robh i fut nochdadh.

Thèid èisteachd rannsachaidh, a mhaireas mu cheithir làithean, a chumail ann an Dùn Èideann sa Mhàrt an ath-bhliadhna an àite sin.

Thèid Brown a chumail aig Clionaig Bhruaich na Caorainn ann an Glaschu san eadar-ama.