Rabhadh do Chomhairliche Sgitheanach

  • 18 An Dùbhlachd 2017

Chaidh rabhadh a thoirt do dh'fhear de chomhairlichean na Gàidhealtachd gun tèid e dhan phrìosan ma bhristeas e na cùmhnantan air a bheil e saor air urras.

Dh'aidich an Comharliche Sgitheanach Calum MacLeòid aig Cùirt an t-Sìorraim ann am Port Rìgh Diluain nach do chùm e ris a' chùmhnant nach rachadh e faisg air a bhean.

Chaidh an cùmhnant sin a chur air às dèidh dha nochdadh sa chùirt na bu tràithe am-bliadhna fo chasaidean sàrachaidh.