Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha àrd-mhinistearan a' Chaibineit a' dèanamh deasbaid fhoirmeil airson a' chiad uair air càirdeas Bhreatainn ris an Aonadh Eòrpach an dèidh Bhrexit. Agus innsidh Theresa May do Bhuill-Phàrlamaid feasgar gu bheil ise airson gum bi Breatainn a' fàgail na Margaidh Singilte agus Aonadh na Cuspainn, agus gu bheil i ag iarraidh aontaidhean malairt a dhèanamh leis a' chòrr den t-saoghal.

Teine

Tha leanabh am measg cheathrar a th' anns an ospadal an dèidh ceò a ghabhail air an anail an dèidh teine aig taigh-òsta Cameron House ri raobh Loch Laomainn. Chaidh fios air na seirbheisean èiginn goirid ro 07:00m an-diugh. Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba gun do chuir iad dusan inneal dhan taigh-òsta, agus gu bheil luchd-smàlaidh fhathast aig an togalach.

RBS

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid Westminster air co-dhùnadh Bhanca Rìoghail na h-Alba bancaichean a dhùnadh sna sgìrean iomallach. Tha còrr is 60 dhiubh sin an Alba. Dh'iarr ceannard an SNP ann an Westminster, Iain Blackford, air a' Phrìomhaire a dhol an sàs anns a' chùis, agus dh'iarr Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, air RBS beachdachadh a-rithist.

Raon nan Rocaidean

Tha e coltach gu bheil 17 cosnadh a' falbh aig Raon Rocaid Uibhist. Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil a' chompanaidh Elior am beachd dusan cosnadh a ghearradh, agus gum falbh còig eile aig a' chompanaidh Mitie. Thuirt QinetiQ, a tha a' ruith an ionaid, gum fuirich an Campa an Iar ann am Beinn nam Fadhla fosgailte, ged a bhitheas nas lugha de dh'àiteachan fuirich ann. Thug comhairlichean neo-eisimeileach Uibhist is Bharraigh slaic air an t-suidheachadh, 's iad ag ràdh nach tug duine feart orra gun robh seo a' tachairt. Thuirt Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, gun do thog esan a' chùis le Ministearalachd an Dìon.

Lebanon

Thuirt poilis ann an Lebanon gu bheil fear an grèim fo amharas mu bhàs tè à Breatainn a bha ag obair aig Ambasaid Bhreatainn ann am Beirut. Tha e coltach gur e dràibhear tacsaidh a th' anns an duine, a tha fo amharas gun do mhuirt e Rebecca Dykes, a bha 30 bliadhna de dh'aois.

Croitearachd

Dh'fhaodadh Brexit sgrios a dhèanamh air croitearachd 's air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan, a rèir chathraiche Chaidreachas na Croitearachd, Russell Mac a' Ghobhainn, a bha a' bruidhinn aig coinneimh na Comhairle Stiùiridh aca air an deireadh-sheachdain. A rèir a' Chaidreachais, chan eil croitearachd, agus sgìrean iomallach san fharsainneachd, a' faighinn aithne cheart anns an ullachadh airson Brexit.