Airgead dhan Tobar airson na Gàidhlig

  • 18 An Dùbhlachd 2017
suaidheantas tobar Image copyright Tobar an Dualchais
Image caption Tha 40,000 clàr air làrach Thobair an Dualchais.

Fhuair Tobar an Dualchais - pròiseact a tha a' cruinneachadh seann chlàraidhean agus gan cur air an eadar-lìon - taic-airgid de £1500 bho Urras Brosnachaidh na Gàidhlig.

Tha seo a' toirt cothrom dhan bhuidhinn tuilleadh obrach a dhèanamh ann a bhith catalogadh chlàraidhean a bharrachd bho Sgoil Eòlais na h-Alba, am BBC, agus Urras Nàiseanta na h-Alba.

The Tobair an Dualchais air na mìlltean de dh'uairean a thìde a chatalogadh mar-thà, ach tha na mìlltean ri dhèanamh 's bidh seo a' toirt a' chothruim barrachd stuth Gàidhlig a chur air an làraich.

Cultar nan Gàidheal

Leis an sporan poblach gann, tha e duilich 'son bhuidhnean leithid Tobar an Dualchais airgead a thional airson na h-obrach aca, 's mar sin chuir Stiùiriche Thobar an Dualchais, Mairead Dhòmhnallach fàilte air an t-airgead a fhuair iad bhon Urras.

"Tha làrach an Tobair làn chlàraidhean bho air feadh Alba, le òrain, sgeulachdan, ceòl de gach seòrsa agus a' mhòr-chuid dhiubh ann an Gàidhlig, thuirt i.

"Tha 70% dheth ann an Gàidhlig ach tha rudan anns a' Bheurla is Albais cuideachd - rudan mìorbhaileach a chaidh a chlàradh bho na 50s, agus sgeulachdan a' dol air ais na linntean, a' toirt sealladh dhut air saoghal nan Gàidheal mar a bha e aig an àm sin".

Tha 40,000 clàr air an làraich agus 's e stòras air leth a th'ann a-thaobh cultar nan Gàidheal.