Iomairt ùr airson ETV

  • 16 An Dùbhlachd 2017
MV Fame Image copyright MCA
Image caption 'S ann à Arcaibh a thàinig am bàta-slaodaidh a rinn cobhair air am Fame

Tha riochdairean poileataigeach nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil na thachair le bàta bathair am Fame Diardaoin a' sealltainn gu bheil feum air bàta-slaodaidh a bhith stèidhichte air an taobh siar.

Chaill am Fame, a bhios a' giùlain biadh èisg, cumhachd mu 5:30f Diardaoin an iar air Tarasaigh.

Cha deach duine den chòignear chriutha a ghoirteachadh.

'S ann à Arcaibh a thàinig am bàta-slaodaidh a rinn comhair oirre agus chaidh a slaodadh a Steòrnabhagh.

Ràinig i Steòrnabhagh air cùl 09:00m Disathairne.

Bàtaichean-slaodaidh

Tha fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, agus BP agus BPA nan Eilean Siar am-measg na tha ag ràdh gu bheil na thachair leis am Fame a' dearbhadh gum bu chòir bàta-slaodaidh a bhith stèidhichte air a taobh siar.

Chaidh an dàrna bàta-slaodaidh a thoirt air falbh ann an 2012.

Thuirt Seirbheis nam Maor-Cladaich, an MCA, ge-tà gu bheil sgrùdadh nan sia bliadhna a dh'fhalbh a' sealltainn nach eil feum air dà bhàta-sladaoidh, agus gun dèilig aon bhàta ri cùisean èiginn anns a' cheann a tuath agus air an taobh siar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo