Casg air seirbheis ospadail

  • 15 An Dùbhlachd 2017

Bidh an t-aonad airson leòntan beaga ann an Ospadal Dhunbar ann an Inbhir Theòrsa ga dhùnadh air an oidhche, rè ùine, bho Dhihaoine, an 22mh là den Dùbhlachd.

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gur e gainnead luchd-obrach a thug orra an co-dhùnadh seo a dhèanamh.

Bidh an t-aonad duinte bho 7:00f gu 07:00m.

Faodaidh duine fhathast ge-tà, fios a chur air dotair anns an sgìre le bhith a' fònadh gu NHS24.

Thuirt am Bòrd Slàinte gun leig seo leotha cùram nas fheàrr a thoirt do dh'euslaintich anns an ospadal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile