Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00mm

15 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Soitheach Bathair

Chaidh soitheach bathair a th' air a bhith gun chumhachd an iar air na Hearadh o an-dè, a cheangal ri bàta-slaodaidh nam Maor-Cladaich. Chaill am Fame, a tha a' giùlain biadh èisg, cumhachd an einnsein mu 5:30f an iar air Tarasaigh. Tha Teàrlach Quinnell ag aithris...

"Chuir am Fame, air a bheil còignear chriutha, brath èiginn a-mach mu leth-uair an dèidh còig feasgar an-dè, ag innse gun robh iad air cumhachd an einnsein a chall an iar air Tarasaigh, far chosta an iar na Hearadh. A dh'aindeoin gaoith mhòir, chaidh aig a' chriutha air dà acair a chur an sàs, feuch an soitheach a chumail ann an uisge domhain fhad 's a bha iad a' feitheamh air na maoir-chladaich. Chaidh bàtaichean-teasairginn an t-Òib agus Steòrnabhaigh, agus heileacoptair nam Maor-Cladaich a-mach a chumail faire oirre fad na h-oidhche. Tha bàta-slaodaidh nam Maor-Cladaich, a tha stèidhichte ann an Arcaibh, a-niste air an làrach a ruighinn, 's chaidh loidhne a cheangal ris an t-soitheach gus a toirt air falbh airson obair-càraidh. Thill bàta-teasairginn an t-Òib gu port, ach tha bàta-teasairginn Steòrnabhaigh fhathast an làthair."

Cùis Èigneachaidh

Tha Scotland Yard a' dèanamh sgrùdaidh air cùis èigneachaidh a thuit às a chèile o chionn 's gun do dh'fhailich air na Poilis innse mu phìos fhianais gu math cudromach. Chaidh a' chùis-lagha an aghaidh Liam Allan, a tha 22, a stad aig Cùirt a' Chrùin ann an Croydon an-dè, nuair a nochd e gun robh an neach a bha a' fàgail chasaidean na aghaidh air teachdaireachdan a chur thuige anns an robh i ag ràdh gun robh i ag iarraidh feise ris.

Brexit

Tha dùil gun aontaich ceannardan an Aonaidh Eòrpaich gu foirmeil an-diugh gum faodar gluasad air adhart chun na h-ath-ìre de chòmhraidhean Bhrexit aig a' choinneimh aca anns a' Bhruiseil. Bhiodh sin a' ciallachadh gun gluaiseadh còmhraidhean gu bhith a' coimhead air a' chàirdeas anns an ùine fhada a bhios eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an EU. Thuirt Prìomhaire na h-Èireann, Leo Varadkar, gum faodadh an ath-ìre a bhith nas duilghe na a' chiad phàirt de na còmhraidhean.

Bus Sgoile

Thathar a' rannsachadh mar a chaidh balach beag, aois ceithir bliadhna, fhàgail air bus na sgoile ann an Inbhir Nis. Chaidh balach a lorg leis fhèin air rathad trang anns a' bhaile an dèidh dha a bhith air fhàgail air bòrd a' bhus aig ionad nam busaichean. Thuirt a' chompanaidh D&E Coaches, aig a bheil an cùmhnant gus sgoilearan a ghiùlain eadar Bun-Sgoil Pholl Lòchaidh agus Ceasaig a Tuath, gun deach an dràibhear a chur às a dhreuchd ri linn fìor-mhì-ghiùlain.

Ryanair

Tha Ryanair air aontachadh inbhe a thoirt do dh'aonaidhean nam pìleatan airson a' chiad uair nan eachdraidh. Seo ann an oidhirp stailc a sheachnadh ro àm na Nollaige. Ann an aithris sgrìobhte thuirt a' chompanaidh gun robh iad air cuireadh a thoirt do dh'aonaidhean o ghrunn dhùthchannan Eòrpach tighinn gu còmhraidhean an ath-sheachdain. Dh'iarr iad air luchd-obrach stailc a tha san amharc airson Diciadain a chur dheth.

Tubaist

Thuirt Poileas Alba gun deach grunn dhaoine, clann nam measg, a ghoirteachadh ann an tubaist anns an robh bus-sgoile, làraidh agus càr an sàs. Thachair an tubaist air iomall bhaile Obar Dheathain goirid ro 08:00m an-diugh.