Bàta-bathair gun chumhachd far na Hearadh

  • 15 An Dùbhlachd 2017
Bàta-teasairginn an t-Òib Image copyright RNLI an t-Òib

Tha dà bhata-teasairginn agus heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh air a' mhòr-chuid den oidhche a chur seachad a' cumail sùil air bàta th' air a bhith ann an duilgheadas an iar air Tarasaigh.

Chaill am bàta, am Fame, cumhachd an einnsein mu 5:30f Diardaoin, agus chaidh bàtaichean-teasairginn an t-Òib agus Steòrnabhaigh a dhèanamh cobhair oirre agus i a' falbh leis a' ghaoith agus an t-sruth.

Tha dùil gun ruig bàta-slaodaidh nam Maor-Cladaich an soitheach eadar 08:00m agus 09:00m.

Tha còignear chriutha air bòrd na Fame.