Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Teine Tùr Ghrenfell

Tha seirbheis ga cumail ann an Cathair-Eaglais an Naomh Pòl mar chuimhneachan air an fheadhainn a chaillear ann an teine Tùr Ghrenfell ann an Lunnainn agus 'son an fheadhainn a thàinig às beò. Bhàsaich 71 duine san teine anns an Ògmhios.

Brexit

Coinnichidh Theresa May ri ceannardan an EU anns a' Bhruiseil an-diugh às dèidh dhi bhòt chudromach mu reachdas Bhrexit a chall ann an Taigh nan Cumantan an-raoir. Bha 11 bhall Tòraidheach am measg na dh'iarr gum biodh bhòt aig Buill-Phàrlamaid air an aonta dheireannach airson Brexit mus tèid a chur an sàs.

Buidseat na h-Alba

Tha dùil gun dearbh Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, gun tèid cìs an teachd a-steach dhaoine air tuarastalan meadhanach math agus àrd an-àirde nuair a dh'fhoillsicheas e am buidseat airson na h-ath-bhliadhna.Canaidh e gu bheil an t-airgead a dhìth airson a' chosg air a bhith a' dìon seirbheisean poblach.

Teine

Chaidh casaid mhuirt ceathrar chloinne a chur às leth an treas neach co-cheangailte ri teine aig taigh ann an Salford ann an sgìre Mhanchester. Chuirear às leth Dhàibhidh Worrall, 25 à Worsley, cuideachd gun do rinn e oidhirp air murt, agus gun do chuir e thuige teine a dh'aona-ghnothach.

Pìob Ola

Fhuair teaghlaichean a b' fheudar an dachaighean fhàgail às dèidh do phìob ola Forties sgàineadh ann an Siorrachd Obar Dheathain cead tilleadh dhachaigh. Thuirt a' chompanaidh ris a bheil a' phìob an urra, Ineos, gun deach an sgìre a chaidh a dhùnadh timcheall na pìoba faisg air Netherlee, a lùghdachadh. Tha Ineos ag ràdh nach do dh'fhàs an sgàineadh nas miosa, agus gu bheil iad fhathast den bheachd gun toir e seachdainnean a chur ceart.

Foghlam Gàidhlig Inbhir Nis

Coinnichidh pàrantan ann an Inbhir Nis a-nochd a bheachdachadh air dè tha ro fhoghlam Gàidhlig anns a' bhaile. Leis gu bheil Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis faisg air a bhith làn, tha bruidhinn air a bhith ann sgoil Ghàidhlig ùr a thogail, agus 's dòcha an tè a th' ann an-dràsta a dhèanamh na sgoil Bheurla. Tha Comhairle nam Pàrant a' cumail an fhòraim shònraichte a-nochd airson cothrom a thoirt do na pàrantan am beachdan a thoirt seachad.

Putin

Thòisich coinneamh naidheachd bhliadhnail Cheann-Suidhe na Ruis, Vladimir Putin. Thuirt e gur e cho soirbheachail 's a tha e air a bhith san obair a tha a' fàgail nach eil pàrtaidh dùbhlannach làidir a' cur na aghaidh. Bidh na coinneamhan aig Mgr Putin mar as trice a' maireachdainn greis. Theas tè an-uiridh trì uairean de thìde agus leth-cheud mionaid.