Ceist mu riaghailtean tuath-gaoithe

  • 13 An Dùbhlachd 2017
Crann-gaoithe

Tha fear de bhuill Comhairle nan Eilean Siar a' ceasnachadh carson a chaidh cead a thoirt do chrainn-ghaoithe nas lugha na mìle bho thaighean ann an Tolastadh an Leòdhas.

Fhuair Forsa Energy cead mar thà 14 crainn a thogail an iar air a' bhaile.

Ach Dimàirt fhuair iad cead stèisean dealain a bharrachd air sin a chur air an làraich.

"Ma tha sinne a' dol a chur anns na riaghailtean againn fhèin gu bheil crìoch gu bhith ann 1.5km, agus ma tha sinn a' dol a leigeil feadhainn am broinn na crìche a tha sin, dè tha a' dol a chur stad air an ath-iarrtas?" thuirt an Comh. Norrie Dòmhnallach.

"Bidh iadsan dìreach a' cantainn an aon rud, nach eil e a' dèanamh cron air duine. Chan eil e a' dèanamh fuaim.

"Agus ma tha sinn a' dol a leigeil aonan troimhe an-dràsta, dè tha a' dol a chur stad air an fheadhainn eile?

"Ma 's e dìreach cosgais a th' ann an-dràsta, seall fhèin uiread mòintich a th' ann eadar Tolastadh agus Nis.

"Ma tha cilemeatar a' dol a chur rud beag a bharrachd cosgais air an iarrtas airson tuath-gaoithe dhan luchd-leasachaidh, uill biodh e mar sin, chanainn.

"Tha airgead gu leòr gu bhith aca 's tha iad a' dol a dhèanamh gu leòr airgid," thuirt e.

Tha dùil ri tuilleadh iarrtasan airson tuathan-gaoithe a thogail ann an Leòdhas, agus càball ùr gu bhith air a chur eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr-Mòr san àm ri teachd.