Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Atmhorachd

Dh'èirich an Atmhorachd dhan ìre as motha ann an còrr is còig bliadhna gu leth. Chaidh an clàr airson ceannaich, an CPI, suas gu 3.1% air a' mhìos a chaidh, bho 3% anns an Damhair. Tha sin a' ciallachadh gum feum riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, mìneachadh a thoirt dhan t-Seansalair air carson a tha an Atmhorachd ag èirigh cho luath, agus os cionn an 2% air a bheil an Riaghaltas ag amas. Tha e coltach gur e prìs a' bhìdhe, deoch agus connadh as motha a thug buaidh air an àrdachadh.

Brexit

Thuirt Ministear Bhrexit na h-Alba, Mike Russell, gu bheil e ag iarraidh freagairtean sìmplidh mun aonta dhan tàinig Theresa May agus an t-Aonadh Eòrpach an t-seachdain seo chaidh. Tha Mgr Russell ann an Lunnainn airson chòmhraidhean eadar Riaghaltas na h-Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba, ag amas air slighe air adhart do Bhrexit. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an t-seachdain seo chaidh gu bheil iad deònach beachdachadh air laghan Bhrexit atharrachadh gu ìre dha na sgìrean fèin-riaghailte.

Buidseat na h-Alba

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt do dh'eaconamaidh a tha cugallach nuair a dh'fhoillsicheas Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, planaichean a' bhuidseit an-earrar. Tha Institiùd Fraser of Allander ag ràdh gu bheil am buidseat a' tighinn aig àm fìor chudromach leis gu bheil eaconamaidh na h-Alba, thuirt iad, glacte ann an cearcall far nach eil ann ach fàs fìor-bheag.

Nursaichean

Thuirt Colaiste Rìoghail an Nursaidh gu bheil an t-seirbheis a' tuiteam às a chèile, le cuideam air luchd-obrach, agus gum feum Riaghaltas na h-Alba aithne a thoirt dha sin sa bhuidseat. Tha a' cholaiste ag ràdh gun cuidicheadh àrdachadh pàighidh os cionn na h-Atmhorachd gu mòr. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun do thog iad mar thà an casg aig 1% air pàigheadh na Roinne Poblaich, agus gu bheil iad air barrachd luchd-obrach fhastadh dhan NHS.

Ionadan A&E

Bha figearan airson ionadan A&E aig ospadail na h-Alba nas miosa a-rithist na an ìre air a bheil an Riaghaltas ag amas. 'S e beagan nas lugha na 90% de dh'euslaintich ris an deach sealltainn, a ghluasad no a leigeil dhachaigh an taobh a-staigh ceithir uairean de thìde. 'S e 95% targaid an Riaghaltais, agus seo a' chiad uair ann am faisg air bliadhna a thuit am figear fo 90%.

Taobh Siar Rois

Tha sreath sgoiltean dùinte air taobh siar Rois an-diugh a-rithist, le rathaidean fìor shleamhain, le deigh dhubh air mòran dhiubh an dèidh reothadh dìan agus frasan uisge an-raoir. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh e fiù 's doirbh dha na làraidhean sailidh aca greimeachadh air an rathad, agus gun tàinig air luchd-obrach gainmheach a chur fo na cuibhlichean le sluasaid mus gluaiseadh na làraidhean.