Iarrtas 'son taic riaghaltais do sheirbheisean slàinte

  • 8 An Dùbhlachd 2017
Caismeachd
Image caption Thog na mìltean fianais mu sheirbheisean slàinte ann an Gallaibh anns an Dàmhair.

Thuirt cathraiche Buidheann-Ghnìomha Slàinte Ghallaibh, CHAT, Bill Fernie, gum feum Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs ann an seirbheis slàinte na sgìre.

Tha dùil gun coinnich Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, ri luchd-iomairt ann an Gallaibh mun dragh a th' oirre mu sheirbheisean meidigeach ionadail gan lùghdachadh san sgìre.

Tha ionad-màthaireil Ospadal Ghallaibh, a bha air a ruith le àrd-dhotair, a-nis fo stiùir mhnathan-glùine.

Tha sin a' fàgail gu bheil barrachd bhoireannach a-nis a' siubhal gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis airson leanabh a bhith aca.

Dh'innis NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad cuideachd a' dèanamh ath-sgrùdaidh air seirbheisean slàinte air feadh Ghallaibh - rud a dh'adhbhraich iomairtean mòra sna mìosan mu dheireadh.

A rèir CHAT thàinig air còrr 's 14,000 duine a tha a' fuireach ann an Gallaibh agus Cataibh a dhol a dh'Inbhir Nis gus dotair fhaicinn an-uiridh.

Tha iad ag ràdh gun robh cuid dhiubh aig Ospadal an Ràthaig Mhòir airson beagan 's còig mionaidean.

Rannsachadh

Thuirt Mgr Fernie, a tha cuideachd na chomhairliche san sgìre, gu bheil Shona Robison air leigeil fhaicinn mar-tha nach eil i airson a dhol an sàs ann co-dhùnaidhean buidseit NHS na Gàidhealtachd.

Ach mhol e gun dèanadh Rùnaire na Slàinte rannsachadh mu cho-dhùnaidhean a' bhùird shlàinte.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gur e coire NHS na Gàidhealtachd a th' ann, ach tha duilgheadasan acasan ann a bhith a' cothromachadh a' bhuidseit, leis nach eil airgead gu leòr aca, leis gu bheil cosgaisean ag èirigh.

"Gu follaiseach tha sin air a bhith a' dol air adhart fad bhliadhnaichean, oir chan ann a-mhàin am-bliadhna a tha trioblaidean air a bhith ann. Tha trioblaidean air a bhith ann sna bliadhnaichean mu dheireadh, oir tha iad air taic fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba grunn thursan.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' sealltainn gu bheil trioblaidean ann a tha air a bhith a' dol greis," thuirt Mgr Fernie.

Tha Mgr Fernie ag ràdh nach eil e idir a' còrdadh ri muinntir Ghallaibh gu bheilear ag iarraidh air a' bhòrd-shlàinte gearraidhean a dhèanamh 'son am buidseat a chothromachadh.

Thuirt am bòrd-slàinte gum bi cothrom aig a' phoball am beachd a thoirt seachad air an ath-sgrùdadh a tha iad a' dèanamh air an t-seirbheis shlàinte.

Thuirt iad às bith dè am modal a bhios aca san àm ri teachd gu bheil iad airson seirbheisean slàinte a thoirt seachad gu h-ionadail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo