Dealan air ais às dèidh na stoirme

  • 8 An Dùbhlachd 2017
Sneachda Image copyright WEATHER WATCHER
Image caption Thog Weather Watcher Doric an dealbh seo ann an Inbhir Ùraidh.

Tha a' chompanaidh dealain SSE ag ràdh gu bheil cùisean air ais dhan àbhaist air feadh a' chinn a tuath às dèidh do stoirm Caroline trioblaidean adhbharachadh.

Chaill 18,000 dachaigh cumhachd an dealain às dèidh gèiltean Diardaoin agus sneachda 's deigh Dihaoine.

Thuit iad gun cumadh iad sùil air an t-suidheachadh gun fhios nach adhbhraich droch shìde tuilleadh thrioblaidean.

Image copyright SSEN
Image caption Bha tòrr sneachd eadar Sròn na Luirge agus am Meall Garbh.

Bha trì òirlich de shneachda air tuiteam san Aghaidh Mhòir tràth madainn Dihaoine.

Thug Oifis na Sìde rabhadh gum faodadh suas ri ochd òirlich de shneachda a bhith ann an ceann a tuath na h-Alba ro dheireadh an là.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar air draibhearan a bhith faiceallach air an rathad agus frasan sneachda air a bhith san sgìre.

Thuirt iad gu robh làraidhean saillidh air a bhith a-muigh bho mhadainn agus ag amas air na prìomh rathaidean a chumail fosgailte.

Sgoiltean dùinte

Dhùin ochd àrd-sgoiltean, 33 bun-sgoiltean agus 16 sgoiltean-àraich ann an sgìre na Gàidhealtachd ri linn an t-sneachda, a' toirt buaidh air 5,000 sgoilear uile gu lèir.

Tha a' chuid as motha dhiubh ann an Gallaibh agus Cataibh, ach tha sgoiltean dùinte cuideachd air Taobh Sear Rois, Taobh Siar Rois, Loch Aillse, an t-Eilean Dubh agus Srath Narann.

Tha na sgoiltean air fad ann an Arcaibh agus Sealtainn dùinte, a thuilleadh air 40 sgoil ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Dhùin Sgoil Thom an t-Sabhail ann am Moireibh cuideachd, a thuilleadh air Orchard Brae ann an Obar Dheathain.

Chaidh cuid de sheirbheisean ChalMac a chur dheth, nam measg na seòlaidhean eadar Steòrnabhagh agus Ulapul, agus eadar Bàgh a' Chaisteil agus an t-Òban.

Thug a' chompanaidh rabhadh gum faodadh dàil a bhith air seirbheisean eile neo gum faodadh gun tèid an cur dheth tron là.

Chuir bàt-aiseig Arcaibh, an Hamnavore, an oidhche seachad ann an Scapa Flow leis nach b' urrainn dhi ceangal sa chaladh ann an Sromnis.

Fhuair an luchd-siubhail air tìr mu 9:00m.

Tuilleadh air an sgeulachd seo