Companaidhean aig tuath nach do phàigh bun-tuarastal

  • 8 An Dùbhlachd 2017
Airgead Image copyright Getty Images

Dh'ainmich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte trì chompanaidhean air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan Siar nach do phàigh bun-tuarastal dhan luchd-obrach aca.

Bha na gnìomhachasan am measg 28 luchd-fastaidh ann an Alba nach robh a' cumail ris an lagh.

Dh'fhailich air bùth MacGillivrays, a tha stèidhichte ann am Beinn nam Fadhla, £11,656.93 a thoirt do 11 duine a bha ag obair aca.

Cha robh a' chompanaidh Edward Mackay Contractor Eta, à Brùra, a' toirt seachad tuarastail air an robh an luchd-obrach airidh nas motha.

Dh'fhailich orra £51,403.65 a phàigheadh do cheathrar luchd-obrach.

Nochd gruagaire ann an Inbhir Nis, Crook & Crook, air an liosta cuideachd leis gun do dh'fhailich orra £5,726.77 a phàigheadh do dhithis luchd-obrach.

Tha am bun-tuarastal a' tòiseachadh aig £3.50 airson preantas fo 19 bliadhna de dh'aois. Tha sin a' dol suas gu £7.50 'son daoine nas aosta na 25.

Nochd clubaichean bhall-coise Thobar na Màthar, na h-Eaglaise Brice agus Greenock Morton air an liosta cuideachd.

Thuirt Fo-Rùnaire Stàite na h-Alba, am Morair Duncan, gun cùm an Riaghaltas orra a bhith ag ainmeachadh luchd-fastaidh nach eil a' toirt pàighidh chothromaich dhan luchd-obrach aca.