Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Taoiseach na h-Èireann, Leo Varadkar, gun cuir Theresa May plana ùr air adhart ro dheireadh an là an-diugh airson crìoch na h-Èireann, a leigeadh còmhraidhean Bhrexit air adhart gu malairt. Bha Deamocrataich an Aonaidh, air a bheil an Riaghaltas beag-chuid Tòraidheach a' crochadh airson taic mì-thoilichte mun phlana a bh' ann airson crìoch chruaidh a sheachnadh eadar Poblachd na h-Èireann agus Èirinn a Tuath.

Ierusalem

Tha a' bhuidheann Ioslamach Phailistinianach, Hamas, a' gairm intifada - àr-a-mach poblach - agus stailc phoblach, an dèidh dhan Cheann-Suidhe Trump aithne a thoirt do Ierusalem mar phrìomh bhaile Israel. Tha mòran de charaidean traidiseanta nan Stàitean Aonaichte leithid Bhreatainn, an Fhraing agus Saudi Aràibia, a' càineadh Mhgr Trump. Thuirt an Ceann-Suidhe Erdogan anns na Tuirc nach eil esan a' tuigsinn feallsanachd nan Stàitean Aonaichte.

Stoirm

Tha 2,000 luchd-cleachdaidh anns na h-Eileanan an Iar às aonais dealain le Stoirm Caroline, 's tha sgoiltean dùint e air feadh a' chinn a tuath. Tha seirbheisean aiseig agus rèile dheth le rabhadh gum faodadh a' ghaoth èirigh gu 90 m.s.u. anns a' cheann a tuath.

Momentum

Tha Coimisean an Taghaidh a' rannsachadh an do bhrist a' bhuidheann iomairt Momentum riaghailtean cosgais an Taghaidh Choitchinn. Chaidh Momentum a stèidheachadh am measg ballrachd nan Làbarach nuair a chaidh Jeremy Corbyn a thaghadh mar cheannard. Tha riaghailtean an Taghaidh Choitchinn a' cur smachd theann air cosgaisean luchd-iomairt nach buin gu h-oifigeil do phàrtaidh ach a tha a' brosnachadh bhòta do phàrtaidh sam bith no do thagraichean Pàrlamaid a' phàrtaidh sin.

Gallaibh

Dh'aontaich Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, coinneachadh ri luchd-iomairt airson seirbheisean slàinte ann an Gallaibh. An dèidh chaismeachdan san sgìre air a' mhìos a chaidh, sgrìobh tè de bhuill na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba, Rhoda Ghrannd, gu Rùnaire na Slàinte, ag ràdh gum bu chòir dhi eòlas pearsanta a chur air an astar a dh'fheumas euslaintich ann an Gallaibh siubhal gu seirbheisean slàinte ann an Inbhir Nis. Leig Ms Robison fhaicinn an uair sin gu bheil i deònach coinneachadh ri riochdairean na sgìre.

Pàislig

Bidh fios a-nochd an do shoirbhich le Pàislig, a tha ag iarraidh inbhe mar Bhaile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte ann an 2021. Tha ceithir bailtean eile - Coventry, Stoke, Sunderland agus Swansea - san fharpais. Tha sgioba tagraidh Phàislig ag ràdh gun cruthaicheadh an inbhe mu 5,000 cosnadh anns an sgìre.