Sùil gheur air buaidh Bhrexit air an iasgach

  • 7 An Dùbhlachd 2017
Iasgach

Tha muinntir an iasgaich a' cumail suil gheur an-dràsta air còmhraidhean Bhrexit agus dùil aig a' ghnìomhachas sin ri buannachdan mòra an dèidh falbh às an Aonadh Eòrpach.

Bidh co-labhairt as t- a' beachdachadh air buaidh Bhrexit air an iasgach anns na h-Eileanan an Iar.

'S e an t-amas a h-uile duine a tha ag obair sa ghnìomhachas a thoirt còmhla, sin na h-iasgairean agus cuid de luchd-poileataigs a tha an lùib na bhios a' tachairt às dèidh Bhrexit.

Thuirt Fo-rùnaire na h-Alba, am Morar Duncan, nuair a bha e sna h-eileanan san Damhair gun robh dùil aige tilleadh air a son.

Buannachd

Tha Cathraiche Comataidh an Iasgaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Alasdair MacLeòid, ag ràdh nach eil cùisean sa ghnìomhachas soilleir aig an ìre seo.

"Tha ceò fo Bhrexit fhathast agus tha mi a' creids' gum bi airson bliadhna neo dhà, ach tha na h-iasgairean nas eòlaich air an t-suidheachadh co-cheangailte ri cuotathan agus rudan mar sin, agus tha iadsan den bheachd gum bi cothroman math ann nuair a thig sinn a-mach às an Roinn Eòrpa.

"An fheadhainn a bhios air thoiseach, tha mi a' smaoineachadh gum bi barrachd buannachd ann, 's le sin, tha sinne ag iarraidh a bhith air thoiseach sna h-Eileanan an Iar, oir tha an t-iasgach cudromach fhathast ann an iomadach àite sna h-eileanan agus seo cothrom math dhuinn a bhith air thoiseach air àiteachan eile ann an Alba," thuirt e.

Fiathachadh

Thèid cuireadh a thoirt do Rùnaire na h-Àrainneachd, a' Bhìdhe agus nan Gnothaichean Dùthchail, Mìcheal Gove, a thighinn chun na co-labhairt.

Chuir Mgr MacLeòid ìmpidh air daoine a tha ag obair sa ghnìomhachas sna h-eileanan a dhol ann.

Cha deach ceann-là airson na co-labhairt a chur air dòigh fhathast.

Tha dùil ri dearbhadh air sin às dèidh na Bliadhn' Ùire.

Tuilleadh air an sgeulachd seo