Coinnichidh Rùnaire na Slàinte ri luchd-iomairt

  • 7 An Dùbhlachd 2017
Caismeachd
Image caption Thog na mìltean fianais mu sheirbheisean slàinte ann an Gallaibh anns an Dàmhair.

Dh'aontaich Rùnaire na Slàinte coinneachadh ri luchd-iomairt a tha a' strì airson seirbheis slàinte nas fheàrr ann an Gallaibh.

Às dèidh caismeachdan san sgìre san Damhair, sgrìobh tè de bhuill na Gàidhealtachd 's nan Eilean aig Holyrood, Rhoda Ghrannd, gu Shona Robison ag iarraidh orra eòlas pearsanta a chur air an astar a dh'fheumas euslaintich à Gallaibh siubhail gu seirbheisean slàinte ann an Inbhir Nis.

Leig Ms Robison fhaicinn gu bheil i deònach coinneachadh ri riochdairean na sgìre.

'S iad a' bhuidhean iomairt CHAT a chuir na caismeachdan air dòigh 's iad ag ràdh nach eil an t-seirbheis ann an Gallaibh aig ìre.

A rèir na buidhne, thàinig air còrr 's 14,000 duine a tha a' fuireach ann an Gallaibh agus Cataibh a dhol a dh'Inbhir Nis gus dotair fhaicinn an-uiridh.

Tha iad ag ràdh gun robh cuid dhuibh aig ospadal an Rathaig Mhòir airson beagan 's còig mionaidean.

Tha dragh air CHAT cuideachd gum feum tòrr bhoireannach anns an sgìre, a tha an dùil ri leanabh, a dhol a dh'Inbhir Nis.

Tha seo uile às dèidh do NHS na Gàidhealtachd innse gum bi ath-sgrùdadh ann air seirbheisean.

Thuirt am bòrd slàinte gum bi cothrom aig a' phoball am beachd a thoirt seachad air an ath-sgrùdadh.

Thuirt iad às bith dè am modal a bhios aca san àm ri teachd gu bheil iad airson seirbheisean slàinte a thoirt seachad gu h-ionadail.