Deacon Blue a' cluich aig HebCelt 2018

  • 7 An Dùbhlachd 2017
Deacon Blue Image copyright Deacon Blue

Chaidh Deacon Blue ainmeachadh mar a phrìomh chòmhlan aig Fèis Cheilteach Innse Gall 2018.

Bidh iad a' nochdadh aig an fhèis ann an Steòrnabhagh mar phàirt dhen turas aca a tha a' comharrachadh 30 bliadhna bho thòisich iad.

Tha iad aithnichte airson òrain leithid Dignity, Real Gone Kid and Fergus Sings the Blues.

Bidh an fhèis a' dol eadar 18-21mh dhen Iuchar.

Chaidh ainmeachadh rona seo gum bi Skippinish agus Blazin' Fiddles am measg na bhios a' cluich cuideachd.

Cluichidh Skippinish air a' chiad oidhche ann an Steòrnabhagh.

A thuilleadh orrasan bidh Tide Lines mar phàirt de HebCelt airson na dàrna bliadhna.

Tha blas eadar-nàiseanta cuideachd gu bhith air an fhèis, le Vishtèn agus an Yves Lambert Trio a' tighinn à Canada agus Habadekuk às an Danmhairg.