Leasachadh a dhìth air cuspairean sgoile

  • 7 An Dùbhlachd 2017
A' teagaisg

Dh'aidich Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil barrachd obrach a dhìth 'son piseach a thoirt air an àireamh sgoilearan, san àrd-sgoil, a tha a' gabhail chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha naoi sgoiltean air feadh na sgìre a' tabhainn chuspairean leithid Cruinn-eòlais, Eachdraidh, Matamataig agus Nuadh-eòlais ann an Gàidhlig.

Tron t-seisean sgoile mu dheireadh ghabh 18 sgoilear na cuspairean sin aig Ìre Nàiseanta a Còig air class AS4.

Cha do fhreagair ach naoinear dhiubh sin na ceistean sa Ghàidhlig.

Dh'aidich a' Chomhairle gu bheil na h-àireamhan sin truagh agus gu bheil iad mothachail gu bheil e mar phrìomhachas dhaibh tron Phlana Ghàidhlig aca a' chùis a leasachadh.

Thuirt Prìomh Oifigear Gàidhlig na Comhairle, Norma Young, gu bheil grunn nithean a' toirt buaidh air na figearan.

"Tha sinn air a bhith a' bruidhinn ri luchd-teagaisg mu dheidhinn agus pàirt dheth 's e mu dheidhinn dè cho comasach 's a tha feadhainn den chloinn. Tha sinn ag iarraidh gum bi barrachd misneachd aca 'son na cuspairean sin a ghabhail.

"Feumaidh sinn cuideachd coimhead air misneachd a thoirt do luchd-teagaisg, agus an seòrsa obair a bhios sinn a' dèanamh leotha gu proifeasanta 'son a' mhisneachd sin a thoirt dhaibh.

"Cuideachd tha e cudromach coimhead air an stuth-teagaisg a tha a dhìth oirnn airson nan cuspairean, agus tha fios againn gu bheil Stòrlann a' dèanamh obair mhòir 'son sin a leudachadh", thuirt i.