Binn prìosain air draibhear a theich bho thubaist

  • 7 An Dùbhlachd 2017
Iain Dòmhnallach Image copyright Peter Jolly/Northpix
Image caption Dh'aidich Iain Dòmhnallach gun robh e ciontach air casaidean dràibheadh gun chùram agus nach do stad e 'son am fiosrachadh aige a thoirt seachad.

Chaidh binn prìosain air draibhear a leag gille, 4 bliadhna de dh'aois, leis a' charbad aige agus a theich bhon tubaist.

Chuireadh binn 4 mìosan air Iain Dòmhnallach, a tha 34 bliadhna de dh'aois.

Chaidh a chasg bho a bhith dràibheadh 'son bliadhna mar thoradh air an tachartas ann an sgìre a' Bhucht ann an Inbhir Nis.

Chuala Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis gun do dh'fheuch cuideigin a bha a' coiseachd air a' chabhsair rabhadh a thoirt dhan dràibhear gun robh an gille òg a' coiseachd air an t-sràid.

Ach bha Iain Dòmhnallach a' cluiche chiùil aig ìre àrd sa chàr Ford aige.

Gun chùram

Dh'fhailich e air an Dòmhnallach an gille fhaicinn, agus bhuail e ann.

Dh'fhulaing an gille cas bhriste, lotan mun cheann agus dà fhiacal briste.

Dh'innis an Dòmhnallach dhan chùirt gun do mhothaich e gun robh e air an gille a bhualadh ach "gun do chlisg e agus dhràibh e air falbh".

Thug e còrr is 20 mionaid mus do ràining carbad-eiridinn làrach na tubaiste.

Thàinig piseach air slàinte a' ghille às dèidh grunn sheachdainnean a' faighinn leigheis san ospadal.

Dh'aidich Iain Dòmhnallach gun robh e ciontach air casaidean dràibheadh gun chùram agus nach do stad e 'son am fiosrachadh aige a thoirt seachad.

Chuir an Siorram, Gòrdan Fleetwood, binn 4 mìosan sa phrìosan air, agus chaidh a chasg bho a bhith a' dràibheadh fad bliadhna.

Chaidh cuideachd càin £400 a chur air.