Stoirm Caroline a' bualadh

  • 7 An Dùbhlachd 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Stoirm Caroline a' bualadh air Malaig.

Tha Stoirm Caroline air ceann a tuath agus iar-thuath na h-Alba a ruighinn.

Tha dùil gun ruig neart na gaoithe suas ri 90msu ann an cuid de sgìrean.

Bidh a h-uile sgoil is sgoil-àraich anns na h-Eileanan an Iar dùinte Diardaoin.

  • Thuirt a' chompanaidh gu bheil mu 2,000 dachaigh sna h-Eileanan an Iar gun chumhachd an dealain, agus tha na h-uimhir de bhuaidh air seirbheisean còmhdhail cuideachd.
  • Tha aiseagan air an cur dheth, agus rabhadh mu choinneimh mòran sheirbheisean eile.
  • Air an rèile, chan eil trèanaichean sam bith eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain, Inbhir Ùige, Inbhir Theòrsa neo an Caol.
  • Chaidh 5 àrd-sgoiltean, 31 bun-sgoil agus 19 sgoiltean-àraich a dhùnadh ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.

Thug Oifis na Sìde cuideachd rabhadh seachad gum faodadh maill a bhith air còmhdhail agus gu bheil cunnart ann gun tèid togalaichean a mhilleadh.

Chaidh seirbheisean Aiseig a' Chorrain ann an Loch Abar a chur dheth tràth sa mhadainn, ach thèid feuchainn ri seòlaidhean a chur air tron là.

Chaidh rabhadh buidhe "bi mothachail" a chur an sàs airson meadhan agus ceann a deas na h-Alba cuideachd.

Chaidh rabhadh cuideachd a thoirt seachad mu shuailichean air a' chosta.