Leasachadh taigheadais a' sireadh cead

  • 6 An Dùbhlachd 2017
Drochaid Ùr Image copyright Highland Council
Image caption Bhiodh an leasachadh-taigheadais faisg air ceangal-rathaid ùr a bhaile.

Chaidh planaichean a chur a-steach gu Comhairle na Gàidhealtachd, airson còrr air 750 dachaigh a thogail ann an Inbhir Nis.

Tha oifigearan a' moladh do Chomhairlichean an taic a chuir ri planaichean na còmpanaidh Tullochs, nuair a choinnicheas iad an ath-sheachdain.

Bidh an leasachadh-taigheadais air a roinn ann an trì pàirtean agus bidh taighean agus flataichean na chois.

Thèid a thogail air pìos talmhainn eadar Rathad Dhùbhrais agus Abhainn Nis, a bha roimhe air a chleachdadh airson aiteachais agus beagan obair-gnìomhachais.

Chaidh an sgìre a chomharrachadh an toiseach aig deireadh na 80an airson taigheadais ach bidh ceangal-rathaid ùr a' bhaile, a tha a' fosgladh Diluain, a' dol tron leasachadh.

Tha Tulloch Homes ag ràdh gu bheil iad airson 767 dachaigh a thogail uile gu lèir, le beagan nas lugha na 450 anns a' chiad phàirt dhen leasachadh.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil iad airson lotaichean a stèidheachadh, agus raointean-cluiche mar phàirt dhen leasachadh.