Billy Irving air ais ann an Alba

  • 6 An Dùbhlachd 2017
Billy Irving ann an Glaschu Diciadain. Image copyright PA
Image caption Billy Irving ann an Glaschu Diciadain.

Tha Billy Irving air tilleadh dhachaidh a dh'Alba.

Chuir Mgr Irving, a bhuineas don Choingheal, ceithir bliadhnaichean seachad sa phrìosan anns na h-Innseachan.

Bha e am measg bhuidhinn de sheòlaidearan a chaidh a chur an grèim ann an 2013 fo chasaid iad gun robh armachd aca ann an uisgeachan nan Ìnnseachan gun chead - rud a chaidh iad às àicheadh.

Chaidh an dìteadh, agus an cur dhan phrìosan fad còig bliadhna.

Chuir cùirt anns na h-Ìnnseachan às don dìteadh Diluain seo chaidh, an dèidh dhaibh ceithir bliadhna a chur seachad fo ghlais.

Rainig Mgr Irving Port-adhair Ghlaschu aig tìde-dhiathaid Diciadain.

Thuirt e gu bheil e air a dhòigh a bhith dhachaidh is thug e taing dhan a h-uile duine a chuidich e.

'S e a' chiad duine den 'Chennai 6' a th' air tilleadh a Bhreatainn.

Tha dùil ris a' chòrr Diardaoin.