Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Dh'aidich Rùnaire Brexit, Dàibhidh Davis, nach eil leithid de rud aig an Riaghaltas ri tomhas mionaideach air dè a' bhuaidh a bheir falbh às an Aonadh Eòrpach air gach roinn den eaconamaidh. Dh'innis Mgr Davis do Chomataidh Brexit ann an Taigh nan Cumantan nach eil e soirbh fiosrachadh mionaideach den t-seòrsa sin a chur ri chèile, ach thuirt e gu bheil plana mòr cunbhalach aig Breatainn airson falbh às an EU.

Ierusalem

Canaidh an Ceann-suidhe Trump an-diugh gu bheil e ag iarraidh amabasaid nan Stàitean Aonaichte ann an Israel a ghluasad bho Tel Aviv gu Ierusalem. Tha aonta eadar-nàiseanta ann an-dràsta ambasaidean a chumail ann an Tel Aviv leis cho connspaideach 's tha Ierusalem eadar na h-Israelaich agus na Palestininaich. Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Boris Johnson, gu bheil dragh air mu bhuaidh plana Mhgr Trump air suidheachadh an Ear Mheadhanaich. Bidh Caidreachas nan Dùthchannan Islamach a' coinneachadh ann an Istanbul seachdain bho an-diugh a dheasbad na cùise.

Cùirt

Tha fear anns a' chùirt ann an Lunnain fo chasaid gun robh e ag ullachadh airson Theresa May a mharbhadh. Tha Naa'imur Zakariyah Rahman, a tha 20, fo chasaid gun robh e am beachd ionnsaigh le boma a thoirt air na geataichean aig Sràid Downing agus an uairsin ionnsaigh le sgithinn air a' Phrìomhaire.

Tèarainteachd

Thuirt comhairliche Barrach a tha càirdeach dhan nighinn òig às an eilean a chaill a beatha ann an ceannairc Mhanchester sa Cheitean nach fhaod cion airgid a dhol anns an rathad air tèarainteachd. Bha Dòmhnall Manford a' bruidhinn an dèidh rannsachadh a thuirt nach do ghabh MI5 cothrom stad a chur air a' bhomair, Salman Abedi, air an robh iad a' cumail sùil airson ùine ron ionnsaigh anns an do chaill Eilidh NicLeòid, a bha 14, a beatha.

Buidseat

Dh'fheumadh Comhairle nan Eilean Siar còrr 's £40m a chosg airson rathaidhean a thoirt chun na h-ìre nàiseanta ris a bheil dùil, ach chan eil ann am buidseat na bliadhna seo ach £2.2m. Chaidh innse do Chomataidh na Còmdhail gu bheil cosgaisean rathaid an ceathramh cuid nas àirde na tha iad air Tìr-Mòr leis gum feum iad stuth a thoirt a-staigh agus gur e cion airgid a tha a' cuir maill air obair air a' phrìomh rathad tro na h-eileanan.

Tuil

Agus bidh a' Chomhairle a' bruidhinn ri uachdarain air feadh nan eilean an dèidh tuil san Lùnastal a rinn na h-uimhir de mhilleadh ann an Uibhist, am Barraigh agus anns na Hearadh. Thuirt a' Chomhairle gun lean iad orra a' glanadh dhrèanaichean 's dìgean ri taobh nan rathaidhean, ach gum feum an aon rud tachairt air talamh croitearachd agus air fearann a bhoinneas do dhaoine eile. Agus tha Comataidh Croitearachd na Comhairle a' beachdachadh air bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba gus am bi e nas fhasa do chroitearan taic airgid fhaighinn airson drèanaichean a ghlanadh.