Stoirm Caroline a' dùnadh sgoiltean

  • 6 An Dùbhlachd 2017
Stoirm Caroline Image copyright earth.nullschool.net

Bidh a h-uile sgoil is sgoil-àraich ann an Leòdhas is na Hearadh is ann an Uibhist dùinte Diardaoin agus dùil ri Stoirm Caroline.

Cha bhi seirbheis bus anns na h-eileanan sin madainn Diardaoin nas motha.

Bidh oifisean na comhairle, leabharlainn is goireasan spòrs fosgailte.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil dùil aca gun tèid an sgudal a thogail sa mhadainn, ach nach bu chòir do dhaoine bionaichean fhàgail a-mach tron oidhche.

Chuir Oifis na Sìde rabhadh orainds an sàs airson ceann a tuath na h-Alba.

Tha dùil gun ruig neart na gaoithe suas ri 90msu ann an cuid de sgìrean.

Chaidh rabhadh buidhe "bidh mothachail" a chur a sàs airson meadhan agus ceann a deas na h-Alba cuideachd.

Thug Oifis na Sìde cuideachd rabhadh seachad gum faodadh maill a bhith air còmhdhail agus gu bheil cunnart ann gun tèid togallaichean a mhilleadh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum faodadh an droch shìde buaidh a thoirt air aiseag a' Chorrain ann an Loch Abar.

Thuirt a' chompanaidh cumhachd SSE gum faodadh cuid de dhaoine cumhachd an dealain a chall.

Chaidh rabhadh cuideachd a thoirt seachad mu shuailichean air a' chosta.

Chaidh 69 duine a thoirt far chlàr-ola sa Chuan a Tuath agus dragh ann mu bhuaidh Stoirm Caroline.