Cliù e-Sgoil ga sgaoileadh

  • 6 An Dùbhlachd 2017
Esgoil Image copyright Esgoil

Bha riochdairean bho riaghaltas agus ùghdarrasan ionadail na Cuimrigh ann an Steòrnabhagh 's iad a' sireadh barrachd fhiosrachaidh mun t-seirbheis foghlaim air-loidhne e-Sgoil.

Dh'fhosgail an goireas aig Comhairle nan Eilean Siar san Lùnastal an-uiridh.

Tha e-Sgoil a' tabhann oideachaidh air-loidhne aig astar ann an diofar chuspairean do sgoiltean agus ionadan-foghlaim air feadh Alba.

Thuirt ceannard e-Sgoil, Aonghas MacIllinnein, gun robh na riochadairean bhon Chuimrigh den bheachd gum biodh dòigh-obrach e-Sgoil freagarrach dhaibhsan cuideachd.

Leasachadh

"'S e an aon sheòrsa dhuilgheadasan th' aca-san 's th' againne ann a sheo a thaobh luchd-teagaisg a lorg. Chan ann a-mhàin dhan chànan aca fhèin ach airson iomadach cuspair.

"Tha iad a' fuireach ann an àitichean iomallach 's tha iad a' smaoineachadh gu bheil an dòigh a tha sinne air cùisean a leasachadh a' freagradh orrasan cuideachd.

"Tràth sa bhliadhn' ùir tha iad airson 's gun tèid sinne sìos agus gun toir sinn dhaibh comhairle air a mar a dh'fhaodadh iadsan an dearbh rud a chur air dòigh dhaibh fhèin", thuirt e.

A rèir choltais tha ùidh air nochdadh bho chearnaidhean eile cuideachd.

Ùidh

"Tha sinn a' faighinn iarrtasan bho iomadach àite, buidhnean eile nach urrainn dhomh ainmeachadh an-dràsta.

"Le airgead a' fàs gann, feumaidh iad coimhead air a bhith a' dèanamh trèanaidh ann an dòighean eadar-dhealaichte.

"Tha iad air a bhith a-staigh againn agus iad a' coimhead air an dòigh 's urrainn dhaibh an teicneòlas agus an t-eòlas a tha sinne air a chur air teagasg air-loidhne a chur an gnìomh", thuirt e.