Dragh mu heileacoptairean is na fèidh

  • 6 An Dùbhlachd 2017
Fèidh

Rinn Comann Gheamairean na h-Alba càineadh air mar tha heileacoptairean gan cur gu feum le feadhainn a tha a' spadadh nam fiadh.

Tha cuid de dh'oighreachdan a' cleachdadh heileacoptairean gus stalcairean a chur gu sgìrean iomallach.

Thuirt Comann nan Geamairean gu bheil fios aig a h-uile mac màthar gum feumar smachd a chumail air àireamh nam fiadh.

'S e a' cheist, thuirt iad, dè na dòighean as fheàrr a th' ann sin a dhèanamh.

Thuirt iar-chathraiche a' chomainn, Peadar Friseal, gum bi heileacoptairean a' cur an eagail air na fèidh.

Airgead

Thog e ceist cuideachd am bu chòir do Dhualchas Nàdair na h-Alba a bhith a' cosg airgid phoblaich air a' ghnothach.

Thuirt SNH gu bheil dùbhlain an lùib smachd a chumail air na fèidh.

Dh'innis iad gu bheil cuid de dh'oighreachdan iomallach air cuideachadh iarraidh bhuapa le heileacoptairean gus stalcairean a chur thuca.

Thuirt iad gu bheil sin a' leigeil leis na h-oighreachdan na targaidean aca a thaobh nam fiadh a choileanadh is àireamhan a chumail aig ìre fhreagarraich.

Thuirt SNH gu bheil iad a' dèanamh cinnteach gu bheil trèanadh aig an ìre as àirde a th' ann aig a h-uile duine a tha an sàs.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile