Ceist ùr mu sheirbheisean fiaclaireachd

  • 6 An Dùbhlachd 2017
Uidheamachd fiaclaireachd Image copyright GOMBERT, SIGRID/SCIENCE PHOTO LIBRARY

Tha dragh ann an Uibhist gu bheil atharrachadh bunaiteach air seirbheisean slàinte a' dol air adhart gun sgrùdadh mionaideach.

Chaidh iarraidh gun tèid molaidhean connspaideach a thaobh sheirbheisean fiaclaireachd a stad gus an tèid am pròiseas sgrùdaidh a shoilleireachadh.

Tha Bòrd Amalaichte nan Eilean Siar airson na seirbheisean a th' ann an Uibhist a thoirt còmhla ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh ann am Baile a' Mhanaich.

An-dràsta, tha ionadan ann an Loch nam Madadh is ann an Lionacleit.

Chaidh ionad Loch Baghasdail a dhùnadh na bu tràithe am-bliadhna air sgàth staid an togalaich, ged a bha mì-thoileachas mòr anns an sgìre mun cho-dhùnadh sin.

Draghan

Tha deasaiche a' phàipeir-naidheachd ionadail, Am Pàipear, Iain Stephen Moireasdan, a-nise air draghan mun phròiseas seo a thogail ann an litir gu Rùnaire na Slàinte, Shona Robison.

Tha an structar ùr a th' ann le bùird amalaichte aig cridhe na cùise.

Chaidh na bùird a stèidheachadh tro achd ann an 2014 gus am biodh co-obrachadh eadar bùird-shlàinte is ùghdarrasan ionadail air seirbheisean sòisealta is slàinte.

Thuirt Mgr Moireasdan gum biodh, bho thùs, Comhairle Slàinte na h-Alba a' sgrùdadh atharrachadh mòr sam bith a bha bòrd-slàinte a' moladh, is cothrom aca an co-dhùnadh deireannach a chur air adhart gu Riaghaltas na h-Alba ma bha iad a' faicinn sin iomchaidh.

Thuirt e nach eil gnothach aig Comhairle Slàinte na h-Alba, ge-tà, ris na bùird amalaichte.

Tha dragh air mar sin gu bheil na molaidhean 'son seirbheisean fiaclaireachd Uibhist a' dol air adhart gun sgrùdadh.

Mì-thoileachas

"Cho fad 's is aithne dhomhsa, rinn a h-uile duine an sàs gu math soilleir gun robh iad gu tur an aghaidh a' ghluasaid a tha seo. Thathar a' gluasad air adhart leis co-dhiù", thuirt Mgr Moireasdan.

"Tha mi a' smaointinn aig toiseach na bliadhna gun robh dòchas ann nan tarraingeadh Comhairle Slàinte na h-Alba a-steach a' chùis seo, nan tigeadh e gu ministearan an Riaghaltais.

"'S dòcha gun aontaicheadh iad le co-dhùnadh a' bhùird amalaichte - ach co-dhiù bhiodh iad air sealltainn air. Bha beagan dòchais ann an sin.

"Bho nach eil am pròiseas a' ceadachadh sin tachairt, 's e bristeadh-dùil a th' ann", thuirt e.

Dh'iarr e gun rachadh dàil a chur air na molaidhean gus an tèid am pròiseas, is àite nam bòrd-amalaichte ann, a sgrùdadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile