Cothroman do dh'Eilean Ulbha

  • 5 An Dùbhlachd 2017
Eilean Ulbha

Chuala muinntir Ulbha gum faodadh àireamh sluaigh an eilein èirigh gu mòr nan ceannaicheadh a' choimhearsnachd am fearann.

Chaidh an t-eilean a chur air a' mhargaidh as t-Samhradh.

'S e Jamie Howard a tha ga reic is Ulbha air a bhith ann an làmhan a theaghlaich fad còrr is 70 bliadhna.

Tha Urras Coimhearsnachd Iar Thuath Mhuile airson a cheannach gus daoine ùra a thàladh ann agus piseach a thoirt air an eaconamaidh.

Chuir iad fios air Riaghaltas na h-Alba gu bheil ùidh aca san fhearann a cheannach.

Chan eil ach sianar a' fuireach ann an Eilean Ulbha an-dràsta.

Dh'innis luchd-comhairlichidh aig coinneimh oidhche Luain gur fhiach an t-eilean a cheannach.

Cothroman

Thuirt iad gum faodadh àireamh an t-sluaigh èirigh gu 50 an ceann deich bliadhna, is gu bheil cothroman gu leòr ann an t-àite a leasachadh.

Tha turasachd nam measg.

"Dh'obraicheadh e mar ghnìomhachas air sàilleibh tha tòrr luchd-turais a' tadhal air an eilean mar-thà", thuirt tè den luchd-comhairlichidh, Faye NicLeòid.

"Tha còrr is 5,000 a' dol ann gach bliadhna agus sin le glè bheag de mhargaidheachd a' dol.

"Mar sin, le beagan a bharrachd fiosrachaidh ga sgaoileadh dha daoine, tha sinn a' faireachdainn gum biodh tòrr a bharrachd de chothroman ann barrachd a dhèanamh a thaobh luchd-turais", thuirt i.

Thuirt an luchd-comhairlichidh gum biodh feum air airgead a chosg sa chiad dol a-mach, ach gu bheil sruthan taice ann is cothrom air iasadan cuideachd.

Thuirt Faye NicLeòid gu bheil taic ann am measg nan daoine an t-eilean a cheannach, ach gu bheil muinntir an àite an toiseach 'son a bhith cho cinnteach 's a ghabhas gun soirbhich leotha.

Thèid an gnothach gu bhòt air a' cheann thall.