Coyle airson County a neartachadh

  • 5 An Dùbhlachd 2017
Manaidsear Ross County, Owen Coyle Image copyright SNS Group
Image caption Cha robh Owen Coyle idir toilichte le mar a chaill iad an aghaidh Dhùn Dè Disathairne.

Thuirt manaidsear Ross County, Owen Coyle, gu bheil e a' coimhead ris an sgioba a neartachadh san Fhaoilleach.

Thuirt Coyle gu bheil na cluicheadairean aca son puingean a thogail thar na seachdainean a tha romhainn ach gu bheil aon shùil aige cuideachd air uinneag nan transfers.

"Tha doimhneachd againn ann am pàirtean dhen sguad ach ma thèid cluicheadairean a ghoirteachadh ann am pàirtean eile bidh sinn caran gann", thuirt Coyle.

"Ach 's e sin a seòrsa rud air an toir sinn sùil san Fhaoilleach, a thaobh a bhith a' toirt a-steach dha no thrì cluicheadairean ma 's urrainn dhuinn son an sguad a th' againn a chuideachadh.

"Ach san eadar-ama tha iad air sealltainn gun urrainn dhaibh puingean a thogail", thuirt e.