100 defibrillator sna h-Eileanan an Iar

  • 5 An Dùbhlachd 2017
Defib Image copyright Lucky2BHere

Tha a-niste còrr 's 100 inneal sàbhalaidh defibrillator ann an àiteachan poblach air feadh nan Eilean Siar.

Bidh a' bhuidheann Lucky2BHere, a th' air cùlaibh na sgeama, a' toirt trèanaidh do dhiofar bhuidhnean mu a bhith a' cleachdadh nan innealan.

Tha a-nise cha mhòr 4,000 inbheach agus 3,400 clann-sgoile comasach air na h-innealan obrachadh san sgìre.

Chaidh an 100mh defibrillator sna h-Eileanan an Iar a stèidheachadh ann an taigh-òsta a' Chabar-Fèidh ann an Steòrnabhagh.

Dh'fhulaing an Comh. Aonghas Moireasdan, grèim-cridhe san Fhaoilleach 2015 agus tha e a-niste mar phàirt den sgioba a tha a' toirt trèanaidh seachad air na h-innealan.

"Sa Mhàirt an-uiridh thug sinn trèanadh do 20 duine a thaobh sgilean èiginneach sàbhalaidh. 'S e seachd defibrillator a bh' anns na h-Eileanan an Iar an uairsin. Tha sinn a-niste air an 100mh defib a chur a-mach.

"Ach chan e a-mhàin sin, tha an trèanadh a tha sinn a' dèanamh cudromach cuideachd.

"Tha sinn a-niste air 3,400 sgoilear a thrèanadh agus suas ri 4,000 inbheach. 'S e rud iongantach a tha sin.

"Tha e a' ciallachadh gu bheil cùisean nas sàbhailte do dhaoine sna coimhearsnachdan," thuirt e.