Co-chomhairle air Plana Gàidhlig ùr Ghlaschu

  • 4 An Dùbhlachd 2017
Glaschu Image copyright Stephen McKay/Geograph

Tha Comhairle Baile Ghlaschu a' sireadh bheachdan dhaoine air an ath-phlana Gàidhlig aca, a bhios a' ruith gu 2022.

Bidh co-chomhairle a' dol gu toiseach a' Ghearrain.

"Tha mi a' smaointinn airson àite mar Ghlaschu, aithnichte aig a h-uile duine mar Bhaile Mòr nan Gàidheal, agus tha Gàidheil gu leòr mun cuairt agus tha mi a' creidsinn a bhitheas a' tighinn dhan bhaile, gu bheil Gàidhlig beò sa bhaile," thuirt Oifigear Leasachaidh Gàidhlig an ùghdarrais, DK Mac a' Phì.

"Tha daoine deònach tighinn a-nuas dhan bhaile agus taic a thoirt dhuinn airson Gàidhlig a chleachdadh agus adhartas a dhèanamh air a' chànan air a h-uile dòigh.

"Tha sinn a' dèanamh barrachd a thaobh foghlaim na bha sinn riamh, tha na h-àireamhan a' dol suas. Tha barrachd a-nis is mìle duine-cloinne a-nis anns na sgoiltean againn.

"Tha sinn a' beachdachadh air sgoil ùir.

"Tha rudan a' tachairt anns na h-ealain. Tha ro-innleachd ùr aig Glaschu Beò, bidh sinn ag obair còmhla riuthasan ann an compàirteachas.

"Ma tha daoine ag iarraidh pàirt a ghabhail anns a' cho-chomhairle, tha am plana air-loidhne.

"Faodaidh daoine fios a chur thugam fhèin air a' phost-dealain aig donald.macphee@glasgow.gov.uk

"Bidh coinneamhan poblach againn cuideachd. Tha mi a' smaointinn gum bi trì againn air an ath-mhìos, agus bidh sinn a' cur air dòigh nan dèataichean a tha sin," thuirt e.