Ath-sgrùdadh air goireasan a' Chàirn Ghuirm

  • 4 An Dùbhlachd 2017
Ionad spòrs-sneachda a' Chairn Ghoirm. Image copyright CairnGorm Mountain
Image caption 'S ann le HIE a tha ionad spòrs-sneachda a' Chàirn Ghuirm.

Dh'ainmich an fheadhainn leis a bheil ionad spòrs-sneachda a' Chàirn Ghuirm gu bheil iad a tòiseachadh air ath-sgrùdadh air na goireasan aca.

Tha an gluasad bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' tighinn agus dragh air cuid san sgìre mu mar a tha an t-ionad ga ruith.

Chaidh uidheamachd slaodaidh sgìthidh, stèidhean concrait agus feansaichean sneachda a thoirt air falbh bho Choire na Ciste bho chionn ghoirid.

Nochd gearainean bho luchd-spòrs agus gnìomhachasan ionadail mun seo 's iad airson 's gun tèid na goireasan a leudachadh.

Tha iad a-niste air Urras na h-Aghaidh Mòire agus a' Ghlinne Mhòir a steidheachadh 's iad am beachd feuchainn ris an ionad a ghabhail os làimh.

Aig a' cheart àm tha HIE air cuireadh a thoirt do chompanaidhean a bhiodh airson ath-sgrùdadh neo-eisimealach a dhèanamh air bun-structar an ionaid.

Thuirt HIE gum bi co-dhùnaidhean an ath-sgrùdaidh na chuideachadh a thaobh dè bu chòir dhaibh a dhèanamh san ùine fhada ann am margaidh sgìthidh a tha ag atharrachadh an còmhnaidh.