Clach-mhìle do Thuath-Ghaoithe Bheatrice

  • 4 An Dùbhlachd 2017
Tuath-gaoithe Bheatrice Image copyright SSE

Ràinig Tuath-Gaoithe Bheatrice ann an Linne Mhoireibh clach-mhìle shònraichte agus gach stèidh airson nan crann a-nis ann an àite.

Tha 86 stèidh ann uile gu lèir le ceithir casan air gach tè dhiubh.

Chaidh an cur an sàs far chosta Ghallaibh leis a' bhàta Stanislav Yudin aig a' chompanaidh Seaway Heavy Lifting, a' cleachdadh crann-togail 110m de dh'àirde.

Theid na 84 crainn-gaoithe agus dà ionad transformer a chur air muin na stèidhean.

Thuirt Manaidsear na Pròiseict 'son SSE, Steven Wilson, gun lean an obair a-niste gus seacaidean a chur mun cuairt air na casan agus gu bheil iad an dùil na ciad chrainn a chur an sàs as t-Samhradh 2018.

Nuair a bhios a' phròiseact deiseil ann an 2019 bithear comasach cumhachd an dealain a chumail ri 450,000 dachaigh.