Bàta-teasairginn ùr dhan t-Òb

  • 1 An Dùbhlachd 2017
Bàta-teasairginn clas Shannon Image copyright RNLI/Nathan Williams
Image caption Gheibh Stèisean Teasairginn an t-Òib bàta clas Shannon.

Còig bliadhna às dèidh dhi fosgladh, gheibh Stèisean Teasairginn an t-Òib bàta ùr an ath-bhliadhna.

Tha am bàta a tha aca an-dràsta "An Royal Thames" gus tighinn gu deireadh na linne obrach aice.

Gheibh an stèisean bàta-teasairginn ùr clas Shannon, a bheir iomadh buannachd dhan sgioba.

'S e bàta clas Mersey a th' aca an-dràsta.

Tha am bàta ùr ga dhèanamh ann am Poole ann an Dorset.

'S e steallan-uisge seach proipeilearan a th' aig bàtaichean clas Shannon agus 's iad an fheadhainn as sgiobalta a th' aig an RNLI.

Image copyright RNLI/James Smerdon
Image caption Bu chòir do Stèisean Teasairginn an t-Òib am bàta ùr fhaighinn anns a' Ghiblean an ath-bhliadhna.