Thèid sgrìobhadh gu Riaghaltas Westminster mu inbhe UNESCO dhan Ghàidhlig

Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Tha Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba a' dol a sgrìobhaidh chun an Riaghaltais aig Westminster mu choinneimh na h-iomairt airson inbhe UNESCO a thoirt dhan Ghàidhlig.

'S ann bho Lunnainn a dh'fheumadh leithid de thagradh a thighinn, agus ged a thuirt iad ron seo nach robh an t-àm ceart air a shon, tha beachd ann gum bu chòir sin atharrachadh a-nis.

Tha Ceit Fhoirbeis na cathraiche air Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig aig Holyrood agus thuirt i: "'S e am prìomhachas an-dràsta dèanamh cinnteach gum bi Gàidhlig ann airson an ath fhichead bliadhna, agus sin an t-adhbhar a bha sinn a' bruidhinn air an òigridh, ach aig an aon àm, tha dualchas gu math cudromach againn agus bu chòir dhuinn sin a shàbhaladh airson nan daoine anns an àm ri tighinn.

"'S e inbhe UNESCO aon de na dòighean as urrainn dhuinn sin a dhèanamh, air sgàth 's gu bheil e a' toirt inbhe dhan t-Seann-Nòs againn, agus dhan chànan againn, gus dèanamh cinnteach gum bi e fhathast ann anns an àm ri tighinn."

Nochd beachd bho Cheann-Suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain MacLeòid, aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail an-uiridh, gum bu chòir oidhirp a dhèanamh air inbhe UNESCO fhaighinn dha na h-Eileanan Siar mar làrach shònraichte a thaobh na Gàidhlig.