Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

RBS

Tha Banca Rìoghail na h-Alba a' dùnadh 62 meur air feadh Alba an ath-bhliadhna, agus còrr is 250 air feadh Bhreatainn. 'S e sin an ceathramh cuid de na bancaichean ionadail a th' aca an Alba, agus e a' cur còrr is 160 cosnadh ann an Cunnart. Tha an aon bhanca a th' air fhàgail ann am Barraigh air an liosta sin, agus bancaichean ann am Malaig, Caol Loch Aillse agus Ceann Loch Chille Chiarain. Thuirt na h-aonaidhean gur e tubaist a th' ann do luchd-obrach agus dha na coimhearsnachdan. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum bi iad ag obair còmhla ri RBS mu choinneimh na buaidhe.

Damien Green

Chaidh Prìomh Rùnaire na Stàite, Damien Green, às àicheadh gu làidir gun robh e a' coimhead air drabastachd air coimpiutair na Pàrlamaid aige. Tha fear a bha na oifigear aig Scotland Yard ag ràdh gun d' fhuair esan stuth drabasta, ach laghail, air coimpiutair Mhgr Green ann an rannsachadh bho chionn naoi bliadhna. Tha caraidean Mhgr Green ag ràdh gu bheil an duine sin a' dèanamh ana-chleachdadh air fiosrachadh poilis, airson cliù fear de bhuill a' Chaibineit a mhilleadh.

Crìoch na h-Èireann

Tha Buill-Phàrlamaid ann an Westminster a' cur teagamh ann am plana an Riaghaltais airson crìoch na h-Èireann an dèidh Bhrexit. Tha Comataidh nan Cumantan airson Fàgail an Aonaidh Eòrpaich ag ràdh nach eil dearbhadh sam bith ann gun obraich na tha an Riaghaltas a' moladh. Thuirt Ministear Cèin Poblachd na h-Èireann, Simon Coveney, nach eil iad deònach còmhraidhean Bhrexit anns a' Bhruiseil a leigeil air adhart gus am bi gealltanas ann mu chrìoch na h-Èireann.

Sgoiltean Inbhir Nis

Tha fear de chomhairlichean Inbhir Nis ag ràdh gum feum Comhairle na Gàidhealtachd tuilleadh sgoiltean a thogail anns a' bhaile. Tha Ailig Greumach ag aideachadh gu bheil feum air sgoiltean ùra is càradh ann an sgìrean eile. Ach tha e ag ràdh gun deach dìochuimhneachadh mu Inbhir Nis mar bhaile a dh'fhàs gu mòr, agus gu bheil cho làn agus a tha sgoiltean a' bhaile a-niste na dhearbhadh air sin.

Cùmhnantan GP

Chaidh iarraidh air Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, sùil eile a thoirt air cùmhnantan ùra nan dotairean GP, agus dragh ann gun dèan iad cron air ionadan meidigeach anns na sgìrean iomallach. Tha Comann Dhotairean Iomallach na h-Alba ag ràdh nach fhaigh sgìrean dùthchail ach 10% den airgead bhon t-siostam ùr, agus gum bi ionadan anns na bailtean a' faighinn a' mhòr-chuid dheth. Thuirt Riaghaltas na h-Alba, gu bheil na cùmhnantan ùra a tha san amharc a' ciallachadh nach caill gin de dh'ionadan GP na h-Alba airgead, agus gur ann a bhios a' mhòr-chuid dhuibh, còrr is 60%, a' faighinn tuilleadh airgid.