Rabhadh ath-nuadhachail Bhrexit

  • 1 An Dùbhlachd 2017
Crann-gaoithe

Tha rabhadh ann gum faodadh Brexit maill a chur air gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail ann an Alba.

Thèid a' chùis a thogail Dihaoine aig co-labhairt ann an Dùn Dè.

Tha gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail air a bhith a' fàs, agus Alba a' cruthachadh agus a' cur gu feum barrachd chumhachd uaine.

Cluinnidh a' cho-labhairt ann an Dùn Dè rabhadh bho eòlaiche aig oilthigh a' bhaile.

Canaidh an t-Oll. Peadar Camshron gu bheil tòrr den teicneòlas anns a' ghnìomhachas a' tighinn bhon Roinn Eòrpa, is gu bheil Banca na h-Eòrpa a' cur tòrr airgid a-steach dhan ghnìomhachas.

Tha e ag ràdh gur e roinn Eòrpach a tha seo - an coimeas ri roinntean eadar-nàiseanta na h-ola is a' ghas - is cumhachd a' sruthadh air feadh dhùthchannan an Aonaidh Eòrpaich.

Ach canaidh an t-Oll. Camshron, ma 's e is gun tèid a làimhsicheadh ceart, gum faodadh an gnìomhachas a bhith na eisimpleir air co-obrachadh leis an EU às dèidh Bhrexit.