Fearg is Barraigh dol a bhith as aonais banca

  • 1 An Dùbhlachd 2017
Suaicheantas RBS Image copyright PA

Dhearbh Banca Rìoghail na h-Alba gu bheil iad am beachd còrr air 60 banca a dhùnadh ann an Alba - Barraigh nam measg.

Bidh seo a' ciallachadh nach bi banca air an eilean.

Bhruidhinn Ball-Pàrlamaid Albannach Na h-Eileanan an Iar, Alasdair Allan ris a' chompanaidh agus dh'aontaich iad gun cùm iad an ATM air an eilean a' dol, ach dh'iarr Mgr Allan orra smaoineachadh a-rithist a thaobh a bhith cumail a' bhanca fosgailte.

Maslach

Thuirt an comhairliche ionadal, Dòmhnall Manford gu bheil e maslach gum bi an eilean, a' choimhearsnachd agus gniomhachasan air fhàgail gun bhanca.

Chur ball Westminster nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill fiathachadh dha ceannard a' bhanca a thighinn a Bharraigh son beagan tuigse fhaighinn air an t-suidheachadh.

Thuirt an t-aonadh Unite gun do dh'innis RBS dhaibh gun dùin na bancaichean ron Òg mhios an ath-bhliadhna.

Astar

Thog am Ball-Pàrlamaid Iain Blackford a' chùis ann an Westminster, is iomgain air mun t-astar a dh'fheumadh luchd-cleachdaidh air a' Ghàidhealtachd siubhal ma dhùineas na bancaichean ann an Caol Loch Aillse, a' Mhanachainn agus ann am Malaig.

Thuirt neach-labhairt bho RBS gu bheil barrachd dhaoine a' roghnachadh na gnothaichean airgid aca a dhèanamh air loidhne agus nach eil faisg uimhir a' dol a-steach gu na bancaichean aca.

Tha iadsan a' tomhais gun caill mu 150 duine an cosnadh ri linn nam planaichean.