Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Imreachd

Tha na figearan oifigeil as ùire ag ràdh gun do thuit àireamhan imreachd a Bhreatainn gu lèir, eadar na tha a' falbh 's a' tighinn, còrr is 100,000 air a' bhliadhna dhan Ògmhios gu 230,000. 'S e nas lugha dhaoine a' tighinn à dùthchannan eile an Aonaidh Eòrpaich as motha a thug buaidh air na h-àireamhan, a tha sìos seach mar a bha iad ro referendum Bhrexit.

Cumhachdan

Tha tuilleadh chòmhraidhean ann an Dùn Èideann an-diugh a' feuchainn ri fuasgladh fhaighinn dhan eas-aonta mu dè na cumhachdan a bhios a' tilleadh dhan Rìoghachd Aonaichte agus a dh'Alba an dèidh Bhrexit. Thuirt Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, ron choinneimh, gu bheil esan a' sùileachadh adhartais an-diugh. Ach tha ministearan ann an Holyrood ag ràdh gu bheil iadsan a' coimhead airson na h-uimhir de ghealltanas fhathast.

Turas Thrump

Tha ceannard nan Libearalach Deamocratach, Sir Vince Cable, am measg na tha a' cur cuideim air Theresa May stad a chur air turas stàite a' Chinn-Suidhe Trump a Bhreatainn an ath-bhliadhna. Tha sin an dèidh tweet bho Dhòmhnall Trump an-raoir anns an tuirt e gur ann a bu chòir dhan Phrìomhaire mothachadh dhan chunnart sa bheil Breatainn bho cheannairc Ioslamaich, seach a bhith ga chàineadh-san. Bha Sràid Downing ron sin air gearain gun do sgaoil Mgr Trump teachdaireachd 's dealbhan bhideo an aghaidh Mhuslamach bho bhuidhinn on fhìor làimh dheis ann am Breatainn.

Drochaid Phort na Bànrighinn

Dh'iarr na pàrtaidhean dùbhlannach air Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, aithris a thoirt do Holyrood mun chàradh as ùr a tha a' tòiseachadh air Drochaid Phort na Bànrighinn a-nochd. Bidh earainnean den drochaid dùinte, 's tha e coltach gum mair an obair sin airson ùine a-steach dhan ath-bhliadhna. Thuirt Mgr Yousaf gur ann an t-seachdain seo chaidh a chaidh innse dhasan gum biodh sin a' tachairt, oir gun robh Còmhdhail Alba aig an àm a' feuchainn ri fuasgladh fhaighinn dhan t-suidheachadh. Thuirt e gu bheil e deònach gu leòr fiosrachadh a thoirt dhan Phàrlamaid.

Cosgaisean Taghaidh

Tha ceannard Libearalach Deamocratach na h-Alba, Willie Rennie, a' fàgail air an SNP gu bheil iad a' cosg ùine nam Poileas, an dèidh dearbhadh bho Phoileas Alba gu bheil iad a' rannsachadh gearain mu chosgaisean taghaidh Jo Swinson, Leas-Cheannard Lib-Deamach na Rìoghachd Aonaichte. Tha ceistean ann cuideachd mu chosgaisean taghaidh dithis Lib-Deamach eile. Chaidh an SNP às àicheadh gur iad a bh' air cùlaibh gin de na gearainnean sin.