Ionad turasachd ùr Chaisteil Inbhir Nis "soirbheachail"

  • 30 An t-Samhain 2017
Tùr Chaisteil Inbhir Nis Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption An sealladh bho Thùr Chaisteil Inbhir Nis

Thèid innse do chomhairlichean na Gàidhealtachd Diardaoin gun robh a' chiad seusan aig ionad turasachd ùr ann an Caisteal Inbhir Nis gu math soirbheachail.

Dh'fhosgail ionad-amhairc ann an tùr a' chaisteil sa Ghibhlean, agus a rèir phaipeir a thèid air beulaibh chomhairlichean, thadhail còrr air 22,000 duine air thairis air an t-Samhradh.

Leigidh sin leotha an tùr a chumail fosgailte tron Gheamhradh cuideachd.

Thèid innse Diardaoin cuideachd mu na planaichean airson a' chòrr den chaisteal a leasachadh mar àite do luchd-turais, nuair a ghluaiseas seirbheis nan cùirtean gu Ionad Ceartais ùr Inbhir Nis.

Chaidh an caisteal a thogail bho chionn 175 bliadhna, agus tha seirbheis chùirteach stèidhichte anns an togalach an-dràsta.

Ach bidh a' chùirt agus na goireasan co-cheangailte rithe a' gluasad gu togalach a chaidh a dhealbhachadh a dh'aona-ghothach airson a leithid.