Milleadh luach £500,000 air siostam IT Ospadal an Rathaig Mhòir

  • 29 An t-Samhain 2017
Ospadal an Rathaig Mhòir

Chuala Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gun deach milleadh luach £500,000 a dhèanamh air siostam IT Ospadal an Rathaig Mhòir nuair a bha tuil ann.

Fhuair uisge a-steach dhan t-seòmar far an robh na coimpiutairean frithealaidh anns an Dàmhair.

Chaidh obair-lannsa a chur dheth air sgàth na thachair.

Cuideachd, chuir Cathraiche NHS na Gàidhealtachd, Daibhidh Alston, dìon air an dòigh anns na dhèilig an luchd-obrach ris an tuil.

Thuirt Mgr Alston gu bheil e dhan bheachd gun dhèilig an luchd-obrach ris an t-suidheachadh gu math, gun deach cuid de rudan a chur ceart anns a' bhad, ged a thug nithean eile na b' fhaide a rèiteachadh.

Bha e ag ràdh gur e an rud as cudromaiche gun tèid siostam IT nas fheàrr a chur an sàs.

Thàinig dearbhadh aig coinneimh a' bhùird Dimàirt gun toir Riaghaltas na h-Alba maoineachadh seachad airson nan cosgaisean, agus tha obair a' dol an-dràsta gus siostam dìon a stèidheachadh.