Luchd-obrach aig NHS na Gàidhealtachd gan dìon

  • 29 An t-Samhain 2017
Ospadal an Rathaig Mhòir

Chuir Cathraiche NHS na Gàidhealtachd, Daibhidh Alston, dìon air an dòigh anns na dhèilig an luchd-obrach ri tuil a rinn milleadh mòr air an t-siostam choimpiutaireachd aig Ospadal an Rathaig Mhòir.

Chaidh obair-lannsa a chur dheth nuair a thachair an tuil air a' chiad là dhen Dàmhair.

Thuirt Maighstir Alston gu bheil e dhan bheachd gun dhèilig an luchd-obrach ris an t-suidheachadh gu math, gun deach cuid de rudan a chur ceart anns a' bhad, ged a thug nithean eile na b' fhaide a rèiteachadh.

Bha e ag ràdh gur e an rud as cudromaiche gun tèid siostam IT nas fheàrr a chur an sàs.

Thàinig dearbhadh aig coinneamh a' bhùird Dimàirt gun toir Riaghaltas na h-Alba maoineachadh seachad airson nan cosgaisean, agus tha obair a' dol an-dràsta gus siostam dìon a stèidheachadh.