Wilma Ros, Eurabol, air bàsachadh

  • 28 An t-Samhain 2017
Wilma Ros (clì), Àdhamh Ó Broin, agus piuthair Wilma, Jessie, ann an Eurabol. Image copyright Droitseach
Image caption Wilma Ros (clì), Àdhamh Ó Broin, agus piuthair Wilma, Jessie, ann an Eurabol.

Tha luaidh ga dhèanamh air Wilma Ros nach maireann, tè den dithis mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Euraboil ann an Cataibh.

Rinn an cànanaiche Aimeireaganach Nancy Dorian obair còmhla rithe mar phàirt den obair aice air an dualchainnt - rud a lean gu leabhar a tha ga mheas cudromach gu h-eadar-nàiseanta a thaobh eòlas mion-chànain, agus mar is carson a thèid iad à bith.

'S ann am measg iasgairean - no "maraichean" mar a bh' aca orra fhèin - a bha a' Ghàidhlig ga bruidhinn mu dheireadh anns an sgìre.

Sliochd nan daoine a chaidh fhuadachadh a-mach à srathan torrach Chataibh, 's a rinn beatha dhaibh fhèin leis an iasgach - a' chuid nach deach a-null thairis.

An t-Iasgach

Leis mar a dh'fhàs a' Bheurla gu bhith nas cudromaiche san sgìre, 's ann an coimhearsnachdan beaga nam maraichean a mhair an cànan, le glè bheag dhith ri cluinntinn aig daoine eile nach robh ris an iasgach.

Dh'fhalbh an t-iasgach goirid ron Dàrna Cogadh, agus mar sin, dh'fhalbh na coimhearsnachdan mar a bha iad.

"Chan eil mise am beachd gun robh dùil aig Nancy gum faiceadh ise crìoch na dualchainnt, ach 's e sin a th' ann," thuirt Àdhamh O' Broin bhon phròiseict Droitseach, a bha eòlach air Wilma.

"Tha Nancy fhathast beò agus gaisgeil, agus tha i a' faicinn a-nis nan daoine mu dheireadh a' bàsachadh.

"Anns na 60an, cha chreid mi, bha i a' dol a-steach, airson tadhal air na daoine a bha a' fanachd ann an Eurabol, agus ann an Goillspidh, agus Brùra cuideachd.

"Agus rinn i seòrsa obair sgoilearach air mar a bha an dualchainnt, mar a bha e ag obrachadh, ach cuideachd dh'fhàs i gu sònraichte eòlach air na daoine, a' cumail cheanglaichean riutha nuair a chaidh i air ais do na Stàitean Aonaichte.

"Dar a chluinneas cuideigin aig a bheil Gàidhlig nan Eilean Siar, no Gàidhlig Earra-Ghàidheal cuideachd. Dar a chluinneas sinn an dualchainnt a tha sin, tha e droll, tha e dìreach neònach.

Ùidh

"Agus tha seòrsa blas, caran coltach ris an West Country ann an Sasainn. Agus tha an gràmar caran eadar-dhealaichte, agus gu leòr de bhriathrachas.

"Agus bha sean-fhacail aca cuideachd, theagamh ceud, no beagan tuilleadh air sin, nach fhaigheadh tu ann an dùthaich sam bith eile," thuirt e.

Chan eil ach aon neach air fhàgail a-niste aig a bheil dualchainnt taobh sear Chataibh - piuthar Wilma, Jessie, - agus chan eil dùil aig Àdhamh gum mair a' chainnt fada tuilleadh.

"Tha ùidh aig duine no dithis ann, agus tha duine òg no dithis air dol a-steach gam faicinn corra uair," thuirt e.

"Ach chan eil e na leòr airson a cumail beò.

"Tha mulad orm gu mòr a thaobh sin, bhon, 's e seòrsa dòigh beatha a bh' ann a bh' aig na maraichean an sin, na h-iasgairean, agus seòrsa dòigh inntinne a bha àraid. A bha sònraichte," thuirt e.